Coinneach 'us Coille


This is a transcript of a little-known book of songs and poetry written by Alexander (Alasdair) MacDonald, a native of Achnaconeran. The songs describe the glen, its history and his many lost loves. It also includes praise poems for the laird, and laments for those departed. His bardachd is written in a traditional style and some of the songs are very fine. He is best known for another of his books, "Story and Song of Loch Ness-side".

COINNEACH 'US COILLE

ÒRAIN AGUS DUAIN GHÀIDHEALACH
LE ALASDAIR MACDHÒMHNUILL
(" MACDHÒMHNUILL ")

Inbhirnis
THE NORTHERN COUNTIES PRINTING AND PUBLISHING COMPANY, LIMITED.
1895.

CONTENTS

PART FIRST

Mo Dhachaidh Ghaidhealach
Cruinneag Dhiomhach
Mo Chaileag Ghaidhealach
Gleannamoireasdain
Oran Leannanachd
Am Baile Beag tha 'm bun na 'm Beann
Am Fear-Fuadain
Luinneag
A Bhuachailleachd
Mo Chaileag bheag bhoidheach bhan
Air cul Achleagan Boidheach
Focail Ghaidhlig do 'n Fhonn—"Ye Banks and Braes o' Bonnie Doon "
Cnoc-na-h-Ath
Bruadar Gaoil
Tom-an-t-Sheomair
Do Mhairi
Am Foghar
Maighdeann Og Dhailchuilinn
Facail do Bhannsuir'each 'o Ghille, air dha tuiteam ann a' mi-fhortan
Am Freagradh
Luinneag
Mo Dhuthaich
Anna Dhail-na-Creich
Mairi Og an Fhuilt Chlannaich
Duanag
Smuaintean Gaoil
Dealachadh
Oran Duthcha
Cuimhneachan Gaoil
Mairi Ghuanach
Ealaidh Ghaoil
Smuaintean
Achnanconeran
Thug Mi Gaol do the Bhan
Guanag na Duthcha
Dealachadh Eile
Seonaid
C' ait an diugh 'm beil an Ainnir?

PART SECOND.

Sgeulachd
Oran do Chomunn Chlann Domhnuill
Cumha Mathair
Leam Fhin
Cumha Mnatha
Rannan Cuimhneachain air Mairi Nic-Ealair
Do n' Mhiosail Ghaidhealach—1892
Dan
An Cuimhneachan
Do 'n Duilleach
Mort Ghlinnecomhann
Prionns Tearlach ann an Gleannamoireasdain—1746
Miann an Triuir Bhraithrean a bha 'n Coire-Dhodha
Cumha Leannanachd
Am Bas
An Guthan Beag
Aithreachas Posaidh
Posadh na h-Oige 's na h-Aois
Failte Phadruig Grannda do Gleannamoireasdain, 1881
Gleannamoireasdain a' measg a Shluaigh
Mar Chuimhneachan air Tighearna Ghrannd'—1881
Na Laithibh' Dh'Fhalbh
Do na h-Uaislean a bh' aig Dinneir Comunn Gaelig Inbhirnis, 1882
Do na h-Uaislean a Shuidh aig Dinneir Comunn Gaelig Inbhirnis, 1886
Do Dhochas
Oran Mulaid
Cumha na h-Ighnaig
Focail Ghailig do 'n Fhonn "Under the Willow"
Do 'n t-Shiataig
Apologia pro Aqua-Vitae
Mac-tall' Eas-nan-Smuid da 'Chairdean -1895
An Fhiach Dhuinn a bhi Beo ?
Am Feileadh Beag
Oran
Tighinn an t-Shamhraidh—Earann

PREFACE.

My principal object in publishing these verses is to make whatever humble effort I can to popularise and encourage native song-singing among Highlanders of the present day. This, it must be admitted, has now become largely a forgotten art, as compared with what at one time it was. I believe one reason to be that most of the productions of our ancient Bards, beautifully poetic as they unquestionably are, do not lend themselves readily to modern popular singing. If, for instance, "The Beauties of Gaelic Poetry"— that grand monument of the poetic inspiration of the Celtic past—be examined, surprisingly little will be found in the work suitable for the requirements of a Gaelic concert. It is the same with most other collections. With few exceptions, the pieces which they contain are altogether too long, and, in fact, much more poems than songs.
Accordingly, we find the fugitive effusions of the Highlands generally in vogue for singing purposes. Of light lyrical poetry there is still, however, a scarcity. I do not presume even to think that I have to any appreciable extent supplied this want. All I take the liberty to point out in that connection is that I believe my effort to be at least suggestive of what popular Gaelic poetry must in future be. A change has come entirely over the spirit of the time when the people would chant lengthy genealogies and stirring descriptions of heroic deeds; even long poems on such subjects as the Seasons— a favourite theme with Highland Bards—would, in our time, be received with coldness. I believe, indeed, that the Highland mind still remains very largely virgin soil to the lyrical poet, except in so far as influenced by the love songs, of which the country possesses numerous and excellent specimens.
Another object I have in view is to preserve some sweet and plaintive Highland airs, the original words to which are either difficult to get or have entirely disappeared.This will explain my adaptation of a few choruses, in which some of my readers may recognise traces of the originals. To these airs I composed such words as I considered to be in sympathy with their spirit and sentiment. Whether I have succeeded in this I leave with my readers to judge. At one time I intended to include the music of the airs in my Book. But this I latterly found impracticable. If, however, I could be instrumental in perpetuating a few of these tender strains, I should consider my services to my native country important, and my efforts richly rewarded.
I have to crave the indulgence of my critics for not a few imperfections in the Book. But I desire it to be distinctly understood that to do the poetry any justice at all, every piece, except a few of the longer ones, should be sung. In the interests of fluent versification and idiomatic expression, I have taken some trifling liberties with orthodox Gaelic spelling—if there is such—which I hope will be readily forgiven. But I have been indifferent only to those peculiarities of Gaelic orthography which are more or less in question among writers of the language. I have dispensed with accent-signs almost altogether, and, in numerous cases, with apostrophes. I regret, however, not having had time to give this feature of my work the necessary attention. But in the midst of continuous hard work I found this, on the present occasion, out of the question. I claim not for these verses that they are a. work either of poetry or of art; but I hand them over to the reader in the hope that there will be found in them something to awaken sympathy, to intensify love, to sweeten joy, and to reconcile to sorrow.

A. M'D.
Inverness, November, 1895.

COINNEACH 'US COILLE.

A Cheud Phairt.

ORAIN DUTHCH' AGUS DUANAGAN GAOIL

Mo Dhachaidh Ghaidhealach.*
Air fonn—" A nochd gu'r faoin mo chadal dhomh."

Cia'rson a tha mi muladach
Fo chumh' agus fo ghruaim?—
Mo shuil air call a sealladh,
Agus m' aghaidh gun a tuar?—
Airson nach fhaod mi tuilleadh
Dhol gu mullach na 'm beann fuar,
Na shiubhal feadh na 'm beallaichean,
'S na 'n gleanna' mar bu dual.

'S e 's fheudar dhomhsa fuireach
Ann am baile dubh na 'n smuid;
Cha b' ionnan 's a bhi manranachd
A' measg na 'n lan-choill dlu,
'N uair bhiodh an Samhradh ro-mhaiseach,
Fo thrusgan oirdhearc, cubhr',
A ceumadh air bharr neoineanan,
'S a sgapadh ros 'us fhlur.

An dean mi nise gairdeachas
Ri sraidean 'us ri 'm fuaim,
An deigh an uine bha mi
Feadh na 'n coire blath 's na 'm bruaich
'S ann chrochas mi mo chlarsach
Ri taobh uisge grannda Chluaith,
Mar Israel aig Sruth Bhabiloin,
'S mo chridhe snamh an gruaim.

O ! 's tric, O ! 's tric mi durachadh
'Bhi 'm bun an Duin a risd,
'S a chroit 's an robh mo chairdean
'S anns an d' airicheadh mi fhin;
Bu taitniche na oighreachd leam,
'S na saoibhreasan gach tir,
A bhi na m' dhachaidh Ghaidhealach,
'S ochoin ! cha 'n fhagainn-s' i.

Air toman flurach, feoirneanach,
Fo dhion cnoc mor an Duin,
A bha mo dhachaidh bhoidheach-sa,
Da 'm bi ri m' bheo mo run;
'S a nise 's buidhe leam bruad'lachadh
Air m' uallachas 's mo mhuirn,
Mu 'n d' fhuair mi aobhar smuaineacheadh
Air caradh cruaidh mo dhuthch'.

'S gur tric air sgeithibh aisling mi
An sud air ais a risd,
A g' eisdeachd seisd 'us oranan
Na 'n eoin feadh gheug-phris mhin;
'Us te mo ghaoil ann comhla rium,
'S mi cumail comhra' ri,
Mar nach b' ainmig dhomhsa
Mu 'n robh 'n Gleanna-Mor na fhrith.

'S chi mi bhealaidh pheallagach
Bh' air cul an tigh, 's am fraoch,
Chi mi 'n caorann meanganach,
'S am barrach air gach taobh;
'S na preasaibh meanbha, measanach,
Bha 'n cladach cas an uillt,
Ri gathan geal na maidne
Deanamh aiteas agus aoidh.

'S na m' chluasaibh guth na h-Iar-ghaoth
Tigh'nn a nios bho shliabh 'us ghleann,
A dusgadh aird 'us iosail
Gu ceol binn bu tiamhaidh srann;
'S greis eile g' innseadh sgialachd
Air an tiom 'o chian a bh' ann,
Do 'n Bheinne-Bhan, 'us ciamhagan
An liath-cheo air a ceann.

Mar aon ri gaillionn Geamhraidh
Agus anns an t-Shamhradh chubhr',
'S e miann na 'n Gaidheal gleanntaichean
'Us beanntaichean na duthch';
'S a Righ ! nach mise chitheadh iad
A rithisd, mar 'o thus—
Gach coill' 'us monadh saor aca,
Gach loch 'us caochan buirn.

*By permission of the "Comunn Gaidhealach", Glasgow

Cruinneag Dhiomhach.

'N uair chunna' mi thu 'n tos' an Diomhach
Thug mi gaol duit nach gabh innseadh;
'S gus an dean thu tur mo dhiobradh
Bidh mi stri ri d' bhuannachd.

Tha mo run air a' nighean,
Bidh mo run air a' nighean;
'S ged a bhrist a gradh mo chridhe
Gu brath cha d' thoir mi fuath dhi.

Ged a tha thu nis' dha m' fhagail,
Bidh mo dhochas riut gu bratha;
'S gus an closnaich sgailc a bhais mi,
Bidh mo ghradh lan bhuan duit.

An leig thu di-chuimhn' air a ghealladh,
Thug thu dhomhsa 'n uaigneas badain?
Am brcugaich thu ghaoil briathraibh t-anam
Do leannanachd 'us t-uailse?

Tha mi nis' eadar dha shaoghal
'S oidhche shiorraidh air gach taobh dhomh;
Ach chi mi thus' a tighinn 's a sgaoileadh
Solus do ghaoil mu 'n cuairt domh.


Mo Chaileag Ghaidhealach.
Air fonn—" Cha ghabh mi te Ghalld',

Ged bhiodh siod' agus srol oirr'."
Ged is socrach mo chluasag
Ri taobh Abhainn Chluaithe,
Cha 'n 'eil m' inntinn ach luaineach—
'S cha dual di gu 'ni bi—
Gus am faigh mi a dh' ionnsuidh
Na te tha mi g' ionndrain,
Ris 'm bu tric rinn mi sugradh
Mu chul Coir-an-t-Shith'.

Am fas mise suarach
Gu brath air mo ghruagach?
An tiormaich an cuan,
Na 'n tig fuachd air a ghrian?
Mar fhuaran an reidh-ghleann
Mo luaidh dhi sior eirigh;
Mar m' fhaileas domh fein
Mo throm eud di 's mo mhiann..

'Nuair a dhealaich mo dhia-bhean
Fo dhubhar na 'n sliabh rium,
Bha gnuis 'us a fiamhachd
Bu briaghe na reult;
Na 'n og mhaduinn shamhraidh
Air chomhnard na 'n gleanntan,
'Nuair bhios ceol air gach crann,
Agus srann air gach geug.

A falt or-lubach, uaibhreach,
A sroladh mu guaillean—
'S gach ciabh agus dual deth
Mu 'n cuairt do mo diridh;
A gorm-shuilean tlatha—
'S an gaol dha 'n leth bhathadh—
Dha mo chiuradh 's dha m' chradh,.
Agus gradh agam di.

Bha bilean na h-oighe
Bu deirge na rosan;
Bha gruaidhean bu bhoidhche
Na neoinean na 'm bruach;
Agus Cupid dha ghrianadh
Mu braighe geal, clachach;
B' i taladh na 'n ciad i
A dh' iarraidh a luaidh.

Bu chumaire nighneag
Na cruth ann an sioda—
Slios dealbhach, cruinn, direach,
Seang, simiteach, glan, reidh;
'S a meanbh-throidhean bideach,
Ri fanna-fhluir a briodal;
'S iomadh oigfhear a chiosaich,
A riomhachd 's a ceum.

Nuair a reachadh i chuairteachd
Na 'n gorm thoman uaine,
Cha bhiodh feoirnean nach gluaiseadh
An ullachas gaoil
Do n' mhaise 's an ailleachd
'Bh' air an curam an trath sin;
Bhiodh a ghrian na bu bhlaithe,
'S an la na bu chaoin'.

Cha do sheinn ann an cro-choill,
Cuach, uiseag, na smeorach,
A rinn ceol na bu bhoidhche
Na comhradh mo ruin;
Bu mhilse guth fior-bhinn
Na cagar na h-Iar-ghaoth
Do 'n an fheasgar 's e g' iathadh
Mu chiar-ghleann 'us stuc.

'S cha chuir dusgadh na maidne
A' m' inntinn mo thaitneas
'Nuair bha m' anam dha gharadh
Ri lasag a gaoil,
Feadh na 'n gorm choire blatha,
'S na 'n ur chnocan fasor,
Mar bu mhiann leam bhi ghnath
Gus am fag mi an saogh'l.


Gleannamoireasdain.
Air fonn—"Tri ni thig gun iarraidh."

Fhir a shiubhas air thurus
Do ghleannan na' monaidhean ard—
Gleannamoireasdain boidheach
Nan doire 's nan cro-choille lan—
Thoir mo shoruidh le durachd
Gun di-chuimhn' gu duthaich mo ghraidh,,
'O ghlaiceagan Lunndaidh
Gu Alltsaidh nan lub-choire blath.

Tha mo chridhe gu siorraidh
A togar 's a g' iarraidh bhi shuas,
Feadh nam bealach 's na' mointich—
Feadh nan laganaibh comhnard 's nam bruach-
Feadh nan alltan 's nan easan,
Nan cnocan, nam preasan, 's nan cuairt—
Far an cluinninn an Iar-ghaoth
Ri ceol milis a lionadh mo chluais.

'S an uair a thigeadh an Samhradh
Bu bhoidheach an gleann air gach taobh,
'S na pris ghorm-dhuilleach, gheugach,
A pogadh a cheile le aoidh;
Agus cubhag 'us smeorach
Ri aighear 'us ceol air gach craobh,
'S a g' innseadh le eibhneas
Gun robh gaire na Ceit air an raon.

Leam bu taitneach 's an am sin
A bhi anns a ghleann le mo run—
Feadh nam foicheagan feorach,
A tional na' neoinean 's na 'm flur;
Cha 'n 'eil saoibhreas air thalamh
A chuirinnsa coimeas, na cuirt,
Ri bhi 'n caoimhneas mo leannain
A' measg nam preas barraich 's nan lub.


Oran Leannanachd.
Air fonn—" Na 'm faighinn gille ri cheannach
A bheireadh beannachd gu Mairi."

Co do 'n innis mi 'n sgeula
Chaidh chur an de na mo chluasan?
An creid mi gur firinn
An ni thuirt an sluagh rium—
Gu bheil thu 'n diugh do bhean-phosda,
The 'n fhuilt or-lubaich, dhualaich,
Do 'n d' thug mise 'n gaol siorraidh
A theid sios do 'n an uaigh leam?

Do 'n d' thug mise 'n gaol siorruidh,
'S an gradh diomhair nach basaich,
'S an trom ghealladh nach dealaich
Rium ge d' mhairinn gu bratha;
Cia'r son, ochoin ! nach do cheileadh
Orm fear eile bhi 'm fabhar;
Cia'r son nach d' fhagadh mi 'n dochas?
An ann gu bron a chaidh m' arach?

Cia'r son nach d' fhagadh mi 'n dochas?
B' fhearr an sgleo na bhi falamh;
'S cia'r son nach d' fhagadh 's an duil mi
Gu 'm bithinn a sugradh riut fhathasd?—
Mar is minig a bha mi
Ann an aiteachan falaich,
A g' eisdeachd ceilearadh boidheach
Am barr nan og-phreasan barraich.

A cluinntinn ceilearadh taitneach
Nan eunan breac-iteach, seisdeach—
Ceol tha tuilleadh gun bhlas domh
Gun te mo thlachd leam dha eisdeachd;
Ciod a shasuicheadh riamh mi
Ach tromh iasad do leirsinn-s'?
'S cia'r son a rugadh mi idir
Ma tha thu nise dha m' threigsinn?

Cia 'r son a rugadh mi idir
Ma 's briste'-cridhe mo chrannachur?
Cia'r son nach d' ioslaich am bas mi
An uair a bha mi na m' leanaban?
Nach bu shocrach bhi 'm shineadh
A' measg min-smuir na talmhuinn,
Seach bhi siubhal air uachdar
'Us thus' a-luaidh dha mo dhearmad?

A bhi siubhal tromh 'n t-shaoghal-s',
Gun thu a ghaoil a bhi comhl' rium—
'S mo la gun solus gun soillse—
Mar an oidhche dhomh 'n comhnuidh;
Ach ma chuir thu do chul rium
Biodh mo dhurachd 's mo dheoin duit,
Ge b' fhearr nach fhaca mi riamh thu,
A dh' fhag fo phian ri mo bheo mi.


Am Baile Beag tha 'm bun na 'm Beann .
Air fonn—"A nighean bhan tha 'n Achaluachrach."

A dh' aindeoin taobh 'o 'n seid a ghaoth
Leam fhin 's ro chaomh 'o shuas i—
'O dhuthaich m' eud, 's dol fodha na grein,
Na 'n dail, 's na 'n reidhlean uaine;
Tha fonn 'us fallaineachd 'us fas
'S gach osag chairdeach, chuanar,
A thig a mhan 'o ghleannaibh ard
Na 'n coire blath 's na 'n cuairteag.

Tha baile beag 'am bun na 'm beann
Gu h-ard an gleann mo luaidh-sa,
'S ann leam bu mhiann bhi fuireach ann,
Ged bhiodh an geamhradh fuar ann;
Na 'r suidh' an caoimhneas teintein blath,
Ri ceol 's ri gairdeas uallach,
Cha mhor a ruigeadh oirnn do n' ghaoir
Bhiodh feadh na 'n raon mu'n cuairt duinn.

'S ann mar bu labhra seisd na'n gaoith'
A' measg na'maol chnoc fuara,
'Us mar bu treasa srann 'us caoir
Na 'n allt' ri taobh na 'n cruachan,
Bu chomhfhurtaiche 'm bothan blath
Fo dhion na 'n ard bheann gruamach;
Car mar is boisgeannt' chithear reult
'Nuair 's duirche 'n speur mu'n cuairt di.

'S an uair a thigeadh samhradh ur
A dhusgadh fhlur 'us luachair,
'S a sheinncadh cubhag a gug-gug,
Air bharr na'n dlu-phreas cuachach;
Cha 'n fhacas aon ait' eile riamh
Bu bhoidhche fiamh, 's a b' uailse,
Na 'm baile beag tha 'm bun na 'm beann
Gu h-ard an gleann mo luaidh-sa.


Am Fear-Fuadain.*
Air fonn—" Tha gaol na'm boirionnach 's an oige."

Cha 'n ioghnadh mise bhi fo phramh
'S mo diridh bhi craiteach, ciuirte,
An deigh mo chul a chur gu brath
Ri m' chairdean 'us ri m' dhuthaich;
O ! 's beag mo thogail ris an t-sal,
Cha b' ionnan 's aird na'n stuc-bhcann,
'S a bhi feadh na'n coire blath,
Na'n gleann, 's na'm fas-choill cubhraidh.

Thilg mi h-uile ni air falbh
A bha mi 'n earbsa bhuannachd,
'S cha mor nach b' fhearr leam a bhi marbh
Na beatha shearbh thair chuaintean;
Mo thruaighe 'n duthaich as am faodar
Bhi cur dhaoin' air fuadan;
Mo thruaighe 'n tir a tha fo chis
Aig luchd na 'm frith 's na'm buachaill'.

Cha chluinn mi nochd guth min mo mhathair
Seinn na'n dan 's na'n duanag,
Na briathran taitneach m' athair gradhach,
Mar a b' abh'isd na m' chluasan;
'S cha chluinn mi banarach na'm bo—
Mo Mhali bhoidheach, ghuanach—
A gabhail luinneag anns a chro,
'S na laoigh ri ceol mu'n cuairt di.

'S cha chluinn mi chubhag air a gheug
Moch maduinn Cheit ri h-oran,
'S cha d' thig do m' ionnsuidh m' eirigh grein
Guth taitneach reidh na smeoraich;
'S cha chluinn mi ghaoth air feadh na'n gleann,
A deanamh srann-cheol boidheach,
Na fuaim na'n sruthan 'us na'n allt'
A tighinn an ceann na' Mor-eas.

A neul a chi mi os mo chionn
A dol a dh' ionnsuidh m' dhuthaich,
Thoir soraidh bhuamsa do'n Taobh-Tuath,
Do 'm bheil mo luaidh 's mo runachd;
Ge b'e aite 'm bi mo shaoghal
Bidh mi chaoidh an durachd
Do thir na'm beann, na'n gleann 's na'n lon,
Na'n dail 's na'n cro-choill' flurach.

'Us eoin a chi mi anns an speur,
Ma bheir do sgeith Ghleann-Iuil thu,
Thoir soraidh bhuamsa dh' ionnsuidh 'n te
Ri'm b' abh'sd dhomh fhein bhi sugradh,
No Mhali bhoidheach a bhiodh deonach
A bhi 'n comhnuidh dlu dhomh,
Nighneag a chuil bhachlaich or-bhuidh,
'S e do phog nach diulltainn.

Chi mi seachad ri mo thaobh,
'S a h-aodach ann an ordugh,
Long bhriagha, mhaiseach, roimh na ghaoth,.
Gu tir mo ghaoil a seoladh;
'S buidhe leam sealltainn as a deigh
Cho fad 's is leir dhomh sgleo dhi,
'Us leanaidh mo chridhe i gach la
Gu duthaich ard na' mor-bheann.

*By permission of the "Comunn Gaidhealach", Glasgow


Luinneag.

'S fada, 's fada leam a tha mi
'N so am baile mor na 'n sraidean;
B' e mo mhiann a bhi dha fhagail,
'S cul gu brath chur ris 's a mhaduinn.

Tha mi sgith do ghlagraich Bheurla—
'S toilichte dheanains' a treigsinn
Airson a chanain aluinn, cheutach,
Chleachd mi eisdeachd na m' leanabh.

Nach bu taitneach cainnt mo dhuthcha—
Ghaelig aghmhor, bhlathmhor, shughor,
Seach sgreadail leibideach nan Du-ghall,
Bhi dha m' dhusgadh na mo leabaidh?

An canan foinnidh, loinneil, priseil,
Fonnmhor, tlachdmhor, blasmhor, fiorghlan—
An canan eireachdail, caoin, min-bhog,
A bha eadar mi 's mo leannan.

A bha eadar mise 's Deardshuil,
An fhuilt chamalubaich, chas, fhainich,
'S na h-aghaidh mhaiseach, fhlathail, narach—
Te mo ghraidh na 'm ban chiamh clannach.

O ! 's truagh nach robh mi 's i an trath so,
Feadh na 'm bruach 's mu 'n cuairt na'm fas-ghleann,
Far 'm bu mhiann 'us far am b' fhearr bhi
Na bhi 'n ailleas ann am baile.

Cha 'n fhada gus an teid mi suas
A dh' ionnsuidh gleannan ur na 'm fuar-bheann—
Gleannamoireasdain mo luaidh-sa—
Gleannan min na 'n gruagach cannach.

Diridh mi aig Croit-an-Taillear,
'S theid mi seachad taobh an Spardain;
Leumidh mi th' air Allt-na-h-Athainn,
'S gheabh mi failt' 'o iomadh caraid.


A Bhuachailleachd.
Air fonn—"An Diciadain a dh' fhalbh sinn."

Is toil leam thu Mhairi 's cha 'n aicheadh mi e
Ged nach biodh do chairdean gu bratha rium reidh;
Leanaidh mis' ann an gaol's tu O ! aon da bheil m' eud,
'S gus an cuirear 's an uir mi cha lub mi ri te 'il'.

A Mhairi dhonn channach 's ann agad tha 'n doigh
Air na gillean is toil leat a tharuinn na d' choir;
Co nach iarradh bhi ma' riut a bhlaiseadh do phog?
'S ca'il an t-oig'ear a dh' fhalbhadh 'o sheanchas do bheoil?

Cha 'n fhaca mi sealladh bu laghaiche riamh
Na'n snuadh a th' air t'aghaidh is lohmeile fiamh;
Tha do ghruaidhean mar rosan, 's do cheol mar an t-ian
Bhios a seinn air na geugaibh 'n am eirigh do 'n ghrian.

Tuiginn leamsa do dhuthaich na 'n ur-choire blath—
Do ghleannan na 'n dlu-choill 's na'n stuc-bheannaibh ard;
Far an cluinn sinn an srnudan ri durdan 's a Mhaigh,
'Sa toirt freagar do 'n bhru-dhearg 'n am dusgadh do 'n la.

'S bidh ghaoth oirnn a seideadh gu reidh agus ciuin,
Luidhidh 'n dealt air an fheur dhuinn 'us eirigh an driuchd;.
Ni mhadninn mhin Cheitein le cheile rinn surd,
'S seinnidh chubhag i fein dhuinn air geug a gug-gug.

Gabhaidh uillte dhuinn orain is ceol-bhinne fuaim,
'S bidh na h-easain ri cronain an comhnuidh na'r cluais;
Bidh gach craobh agus og-phreas tighinn beo ann an uaill.
Nuair bhios mis' agus m' eudail le cheile mu'n cuairt.

Bidh ise gu guanach 'us buarach na laimh
A bleothann chruidh ghuaill-fhionn gu duanagach trang;
'S bidh mise na'm bhuachaill' a cuairteachd na'm fang;
'S co bhios cho uaibhreach 's cho uallach 's gach am?


Mo Chaileag bheag bhoidheach bhan.

Mo chaileag bheag bhoidheach bhan,
'S ann duit tha mo luaidh 's mo ghradh;
'S tu mo bhann-suir'each mhuileach,
'S tu ni' aon leannan lurach;
'S cha 'n fhaicear mi tuilleadh 'n deigh chaich.

'S mo chaileag bheag bhoidheach bhan,
'S ro-mhath 's aithne dhuit fhein mar a tha;
Cha 'n 'eil uibhir gu 'n fhios duit
'S gu 'm biodh tu gun thuigsinn
Mo chridhe-sa bhi dhuit-sa cho blath.

'S mo chaileag bheag bhoidheach bhan,
Dhomhsa 's soilleir na d' mheal-shuilean tlath,
Gur a toigh leat mo chuideachd',
Mo mhire 's mo chluith riut,
'S nach fhaca tu duine na 's fhearr.

Mo chaileag bheag bhoidheach bhan,
'S tu m' eibhneas 'us m' aighear a ghnath;
'N uair bhios ni' inntinn a cromadh
Fo 'n t-shaoghal 'us obair,
Bheir do ghaire dhomh togail an aird'.

Mo chaileag bheag bhoidheach bhan,
'N uair a thilleas mi 'n tuiteam an la;
'S fhearr leam t-aoidh agus t-fhuran,
Na a bheairteas na b' urrainn,
An saoghal a chur na mo lamh.

Mo chaileag bheag bhoidheach bhan,
Ged nach 'eil do ghibht-labhairt ro shlan;
Tha do laigealas bhreoite
Na 's binne no ceol leam;
'S tha do chridhe dhomh comhla ri d' fhailt'.

Mo chaileag beag bhoidheach blian,
Cha 'n 'eil thus' ach a' maduinn do la;
'S gu 'm a ciuin-bhog a dhunas
Am feasgar air t-uine;
'S e sin dhuit mo dhurachd-s' a ghraidh.


Air cul Achleagan Boidheach.
Luinneag - Air seann fhonn.

Tha neoinean an 'us fluraichean
Air cul Achleagan boidheach—
Air cul Achleagan,
Braigh' Achleagan,
Cul Achleagan boidheach.

'S tha meanbh-choill bharraich dhlu-phreasach
Air cul Achleagan boidheach—
Air cul Achleagan, etc.

'S tha alltan lin neach lub-shruthach
Air cul Achleagan boidheach—
Air cul Achleagan, etc.

Is iomadh ceum a shiubhail mi
'Measg ruidheachan 'us lointean
Air cul Achleagan, etc.

A buachailleachd chruidh chais-fhionn
Feadh na 'm bruach na 'n glaic 's na 'n cos-chnoc
Air cul Achleagan, etc.

'S cha bu tric leam fhin ann mi—
Bhiodh gruagach riomhach comhl' ruim
Air cul Achleagan, etc.

'S mi g' innseadh sgeula 'n uaigneas di,
Nach fhaod mi luaidh na m' oran
Air cul Achleagan, etc.

'S coin bheag' air bharr na' meanganaibh
Ri leadanachd 'us ceol duinn
Air cul Achleagan, etc.

'S osag Ruidhe-na-h-Ulaidh,
Gabhail luinneag dhuinn 'us cronan
Air cul Achleagan, etc.

'N uair bhiodh am feasgar camhanach,
A sanais feadh na 'n og-chrann
Air cul Achleagan, etc.

O ! 's tric 'o sin a smaoinich mi,
Air slainte 's saorsa m' oige
Air cul Achleagan,
Braigh' Achleagan,
Cul Achleagan boidheach.


Focail Ghaidhlig do 'n Fhonn—" Ye Banks and
Braes o' Bonnie Doon."

O, uilte bhig a theid orm seachad
'Us eoin tha seinn air bharr na 'n craobh,
O, ciamar dh' fhaodas sibhs' bhi 'n aighear,
Na bhi cho failtcach, lan do dh' aoidh?
'Us mise fulang fo chradh 's fo mhulad,
'A m' shineadh air m' uilinn ri cumha 's ri caoidh;
'S mo chridhe, do 'm b' abhaist a ghnath bhi fallain,
A nise dha chaitheadh le lasair a ghaoil.

'O n' chunna' mis' an tos a chaileag
Cha d' fhuair mi do m' aire riamh fois na tamh,
'S ann 's bliadhn' gach mios 's is mios gach latha
'S am faic mi aghaidh na h-aingile tlath;
'S cha 'n 'eil air thalamh aon ni ni math dhomh,
Na lasaicheas m' anam 'o ghlasan a bhais,
Ach aoidh na ribhinn fhiorghlan, alloil,
Do 'n tug mi 'n cion-falaich a mhaireas gu brath.

Cha dean mi ceum feadh shleibh na fireach
Gun iomhaigh na h'ighinn a tighinn fo m' chre,
Na cuairt cha teid feadh reidhlean glinne
Nach cluinn mi guth milis, is binne na teud,
'S gach eun a sheinneas air chraobh 'us phreasan,
'S gach alltan 'us easan a freagairt da 'cheil',
'S air sgeith na reidh ghaoth sheideas thairis—
An clarsachd a bharraich, 's an caithream na'n geug.


Cnoc-na-h-Ath.

'S tric a bhios mi smaointeachd
C ait' an diugh bheil na laoich,
Bhiodh a cruinneachadh aon uair
Aig taobh Cnoc-na-h-Ath.

C' ait an diugh bheil na fearaibh
A bha fiughantach, smearail?
'S ann tha 'n t-ionndrain 's a bhail'
Air laoich ghasda mo ghraidh.

'S tric a chunna mi comhla
Prasgan cuideachdail, coirte,
Air lomagan boidheach
Cnocan cosach na h-Ath.

'S iomadh mathair bha proiseil,
Agus piuthar chuir dochas
As na fleasgaichean oga
Dh' fhagadh oighean fo phramh.

Mar ur phris ann an gleann iad,
Ri taice na'n seann-chraobh,
'S grian na h-oig' orra dannsa
'S iad am Bealltuinn am fais—

Ach mar osag a Gheamhraidh
Sgaoileadh tional an t-Shamhraidh,
Chuir an saoghal air chall iad,
'S cha 'n eil ann diu ach sgail'.

Tha cuid shios 'us cuid shuas dhiu;
Cuid gu deas agus tuath dhiu;
Tha cuid eile thair chuan diu;
'S cuid 's an uaigh dhiu' aig tamh.

Thug gach bliadhna cuid fhein bhuainn,
'S ann 's beag nach d' fhalbh iad gu leir oirnn
'S dh' fhagadh sinne gu deurach,
Caoidh na'n treun fhir a bha.


Bruadar Gaoil.
Air fonn—" Cha d' thug mi gaol do dh' airgiod," &c.

Bhruadarich mi 'n raoir
Bhi 's a cheill leat, a ghaoil,
'S an sin 'a m' shineadh lamh riut
Fo sgaile na 'n craobh;
Air foicheag shocrach uain',
Agus fuaran aig 'ar taobh—
An am dol fodha do Phoebus
Air cul na 'n sleibh-bheann fraoich.

Bha 'n ceol bu bhoidhche dh' eisdeadh
Dha sheinn os 'ar cinn,
Aig eoin air bharr na 'n geugan
Ri co-sheirm seisdeach binn;
'S breac tarraghealach, glas, leumnach
A g' eiridh air an linn;
'Us gaoth an Iar a seideadh
Gu reidh air feadh na 'n glinn.

Bu toilicht' tlachdmhor, glormhor,
Na h-uairean oir ud domhs',
An caoimhneas 'us tu eucaig
Do 'm bheil mi 'n eud cho mor;
O ! ged is ann am bruadar
A fhuair mi a d' choir,
Cha mhor gu 'n iarruinn dusgadh
A ruin as an sgleo.

C'arson is ann am bruadar
A fhuaradh mi 's tu,
A falbh mar sud an uaigneas
Air feadh na'n cuach-phreas dlu?
Nach truagh nach ann da rireadh
Bha mi agus mo run
Cho saor an gradh a cheile—
'M bi agam fein ris duil?


Tom-an-t-Sheomair.
Air fonn—-"Bonnie Loch Lomon'."

'Ged a bha mi ri m' la 'n iomadh aite fo n' ghrein
Far 'm bu taitneach le ceudan bhi chomhnuidh,
Bha mo chridhe-s' 'us mo dhurachd a g' iarraidh's a runachd
Gu siorraidh gu cul Tom-an-t-Sheomair.

Mar dhaoimean an crun a tha toman mo ruin-sa
'Measg thorrain 'us ur-chnocain bhoidheach;
Cha do dhearc mi riamh mo shuil air aon spot is grinne gnuis.
Na na luban air cul Tom-an-t-Sheomair.

Bidh an uiseag 's an smeorach 's an og mhaduinn Cheit
A cur failt' air a cheile le ceol-mhir';
'S bidh a chubhag 'us an smudan, 's an dreathan-donn 's am bru-dhearg,
'Us seisd ac' air cul Tom-an-t-Sheomair.

'S tric a shuidh mi a g' eisdeachd ri seid ghuth na gaoith,
'S i a clarsachd 'measg chraobh agus og-phreas,
Mar gum biodh i cur failt' air gach neach a bha fo phramh,
Thighinn a shugradh gu braigh Tom-an-t-Sheomair.

Cha robh m' inntinn 's an uair sin fo bhuaireadh an t-shaoghail :
Ann am bruadar s 'an aotruimeas gorach,
Bha mo chridhe cheart cho saor ris an duilleach air a chraobh,
'S ris an ur-lus ri taobh Tom-an-t Sheomair.

Leam bu mhiann a bhi cuairteachd a risd feadh nan cuach-phreas,
Mar bha mi an uallachas m' oige;
Agus leiginn leis an t-shaoghal e shiubhal mar a dh'fhaodadh,
'S mo thoileachadh-s' aig taobh Tom-an-t-Sheomair.


Do Mhairi.
Air fonn—" Ann sa Mhaduinn 's mi g' eiridh."

Cha cheil mi—cha lamh mi—gu'r tu a Mhairi an ainnir
Do'n d' thug mi 'n gaol falaich a mhaireas gu brath—
A the'n fhuilt dhualagaich chlannaich 's na 'n gorm shuilean-meallach,
Ci' a'l m' aoibhneas air thalamh ach ma' ruit a ghnath?
'O na fhuair mi 'n tos sealladh do d' chaomh aghaidh bhanail.
Cha robh suidheachadh agam do m' aire, na tamh;
Dh' fhag thu t-iomhaidh air m' anam mar dhealbh ann an glaine,
'S cha dan domh bhi maireann gu'n chaidridh do ghraidh.

O' aingil mo runachd cuin' a thig thu do 'm' ionnsuidh,
Le d' aighear, le d' shugradh, 's le d' chumhnantaibh graidh?
C uin' a thig' thu do m' dhusgadh, 's a dh' fhosgladh mo shuilean,
Agus codal neo-shunndach do'n dunadh a ghnath?
Mar fhlur 's a gheamhradh anns an talamh 's e amhlaicht'
A featheamh na Bealltuinn thighinn teann air le blaths,
Tha mo chridhe-sa ceamhailte, a ghaoil gus an am sin
'S am faigh mi air laimh thu, o m' annsachd gu brath !

O ! eisd rium a Mhairi; tha mo dhuil-sa gach la' ruit;
'S e do bheatha-s' a ghraidh, thighinn na m' chairdeas a risd?
Tha m' anam-sa paidhteach, 's cho tioram ri fasach;
'S an d' thig caoin-f hras do mhanrain ciod a shasuicheas mi?
C airson a fhuair sinn a cheile anns an t-shaoghal-sa, m'eudail,
A nise ma dh' fheumas sinn treigsinn 's gach ni,
Mar bi thusa ghaoil reidh rium 's truagh nach robh mi na m' reut-ghaoth,
Na na m' gharbh-shruthan beucach a leum na 'n leac min.

Ged 's iomadh boirionnach aluinn a thachair re m' la 'rium
Do leait sa cha d' thainig na m' lathair, a reul !
'S ann tha dealradh do bhlath-shuil mar a ghrian anns an Ard- neamh,
Agus t' aghaidh mar sgathan do Nadur gu leir.
Gruaidhean tana, dearg, narach 's am faicear faileas do shar- ghaol,
Beul ciuin, cumair, cairdeach, lan graidh agus eud;
Muineal geal a mhor chaileachd, 's am bi Cupid ri gairdeas,
'S ri caoin-mhire manrain, a taladh na'n ceud.

'S ann mar bheanntaichean airgioid a tha do chorra-chiochan tarragheal
A g' eirigh gu dealbhach air do gheala-bliroilleach min;
Co a chuireadh an seanchas na tha ghaol riu 'n earbsa ?
Co a b' urrainn a dhearbhadh an anabharra phris?—
Na tha thobraichean dochais, 's a dh' fhion-liosaibh solais
A ghnath annta chomhnaidh mar or ann a' meinn ?
Na tha shaoghail do bheo-ghradh, 's a bhi-bhuantachd gloire
Na d' bhraighe O ! oighe thug og mi fo chis?

'S tric 's gur minig a bha mi 's tu 'n uaigneas, a Mhairi,
A siubhal na'm blath choille, fas-dhuilleach dlu,
Fo dhubhar 'us sgaile na'n ur-chraobhan lana,
'S mi beo ann a' manran 'us abhachd do mhuirn;
Faotuinn beath' agus caileachd 'on a ghloir a bha thamh leat,
Mar oibraibh Naduir 'o Ard-Fhlath-nan-Duil;
'S tu sgaoileadh gathanaibh grasmhor anns gach cuil agus cearn e,
'Sa soillseachd gach aite 's an taradh do shuil.

'S a nuair a sheinneadh tu d' orain, thigeadh cubhag 'us smeorach,
A dh' eisdeachd ri d' cheol, a the bhoidheach mo ghaoil;
Thigeadh buidheag na 'n og-phreas agus donn-dhreathan seolta,
'S thigeadh dubh-eun na'n lointean na d' choirsa le aoidh;
Gach eun anns a chro-choill le aoibhneas na d' chomhail
A g' iarraidh an comhnuidh bhi beo ri do thaobh;
'S gach creag agus mor bheann, gach neul 'us reult glor-mhor,
A cromadh gu d' phogadh, O ! oirdhearc mo shaoghail!


Am Foghar.
Air fonn—" Tha mo chion air mo leannan."

Ged is ceutach an t-Earrach —
Le surd a g' eirigh a codal—
A bruchdadh feur agus barrach
Gu gaireach, eibhneach romh 'n talamh,
'S beag mo speis di 'us m' aire—
'S ann tha m' euds' ann an caithream nan lan-mhios.
'S ann tha m' euds', &c.

'S ged is boidheach an Samhradh—
An di-chuimhn' air a Gheamhradh—
A fas gu binn ghuthach, sranndach,
Luachrach, lusanach, crann-ghorm,
'S neo-shultmhor an t-am leam
Lamh ri uchd-mhais' September 's a h-ailleachd.
Lamh ri uchd-mhais', &c.

Ciod a gheibhte na dh' iarrte,
Mar aon shealladh cho briagha,
Ri trom fhasachd na bliadhna
Na thuinn fo osag na h-Iar-ghaoth,
'N am do 'n ghrein a bhi 'g iathadh
Mu ghuaillean na 'n sliabh-bheanna' arda.
Mu ghuaillean, &c.

A choille phailt-chraobhach, dhuinte,
Na 'n trom dhathaibh neo-chunntail,
Ris an talamh a lubadh,
Fo h-eallachaibh measanach cubhraidh;
'S e bheireadh slainte dhomh dubailt,
A bhi siubhal na 'n ur-ruidhe blatha.
A bhi 'siubhal, &c.

'S na chul-taice do 'n dealbh so
Gheibhear geal agus dearg-fhraoch,
Mar bhrata dait' air na garbh-chnuic
Gu cnagach, baganta, balgach,
'S e tilgeil faileas air falbh dhuibh
An aghaidh soillearachd fanna-bhuidh' nam ban-leac.
An aghaidh, &c.

'S bha uair bu taitneach bhi tialadh
Air damh cabrach, riabhach,
Feadh nan coireachan fiarach—
Coin air eill 'us iad iasgaidh,
Aig gillean treun-cheumach, fialaidh,
Dha nach b' aithne bhi iosal na nadur.
Dha nach b' aithne, &c.

Sin 's le slat agus driomlaich,
Air an linne bhi g' iasgach
Na 'm breac tarra-gheala, biata;
Mar a bha sinn 'o chianntan,
'Nuair a dh' fhaoidte gun iarruidh
A bhi siubhal na 'n sliabh mar a b' aill leinn.
A bhi siubhal, &c.

Ach 's ann iosal mu 'n bhaile
Bhios an solas 's an t-aighear,
'Nuair a thoisicheas fearaibh,
'S mnathan og air bhi gearradh
Comhdach or-bhuidh an fhearuinn,
'S iad gu comhraideach, caithreamach, cairdeach.
'S iad gu, &c.

Gillean treuna, 's na spealan,
'S oighean gle-ghlan a tional;
Sgioba treubhach a ceangal,
'S cha bhi eis air an adaig;
'S co is eibhnich' na 'm balach,
'S ard cheum aige tarruinn an racain.
'S ard cheum, &c.

'S an am toir dhachaidh na " maighdinn,"
Gheabhear aighear 'us aoibhneas,
Bean an tighe ri caoimhneas,
Cach uileadh gu loinneil
'S an gradh cridhe cruaidh-thoinnte;
Gur milis codal na h-oidhche do 'n fhardaich.
Gur milis codal, &c.

'S binn leam caithream a chrodhaidh
'N am toir dhachaidh na' mor-sguab;
B' e 'n toil-inntinn 's an solas,
A bhi 'n taice chuirn gholaich,
'S gearran glas an deagh ordugh,
A tarruinn shacaibh gu seolta dhe 'n phairce.
A tarruinn shacaibh, &c.

Agus sgioba na 'n cuallan,
A tighinn gu farumach, uallach,
'S a fagail " straigh " air na cuach-phris
Ann an cabhaig an gluasaid
Leis an eallach neo-shuarrach,
Bhios brighmhor, cudthromach, luach-phriseil, aluinn.
Bhios brighmhor, &c.

Bho mhoch mhaduinn gu h-anamoch
A tarruinn dachaidh an arbhair,
'S cuid dha charadh gu dealbhach
Ann an cruachan neo-chearbach,
'S cuid eil' ann an ceanna-mhir'—
Co a chuireadh an seanchas an t-abhachd ?
Co a chuireadh, &c.

'S na h-eoin bheag' air an sgiathaibh,
Gu h-aotrom, breac-iteach, sgiarnhach,
'S iad an deigh fas fiadhaich,
Le meud pailteis am biathaidh—
Co a bheireadh dhoibh 'ri sgiala,
Gun d' thig an reothadh a liathadh na'm paircean ?
Gun d' thig, &c.

A mhios, a bhann-righ na' miosan,
A mhios is crun do na bhliadhna,
A mhios lan-lamhach fhialaidh,
A mhios ard-mhaiseach, bhriagha;
B' e an creideadh 's an diadhachd
A bhi smaointeachd air diomhaireachd t' ailde.
A bhi 'smaointeachd, &c.


Maighdeann Og Dhailchuilinn.
Air fonn—" Gur mor mo speis do n' chruinneag ud."

Na 'm faicinn fear air thurus
Gu Dailchuilinn na 'n slios ard,
'S a reachadh rath'd a mhuilinn,
Far am beil an ulaidh ghraidh;
'S a dh' innseadh do mo leannan
Gu bheil m' aire-sa fo phramh,
O'n a dhealaich mi an uraidh rith'
Aig mullach Beul-a-Cha.

Bu taitneach seisd nan eun na 'r cluais,
'S bha 'n sruth ri fuaim-cheol binn,
'Nuair a choinnich mi 's a ghruagach
Air a ghlas-bhruaich bhoidheach mhin;
Far au d' thug sinn boid da cheile',
Ge b' e de a thigeadh rinn,
Nach leigeadh sinn air chul a chaoidh
An gaol a thugadh leinn.

Bha h-aodann mar a mhaduinn,
'Na'm dhi dealrachadh na speur,
'S a falt cuaich na dhuail an ordugh,
Mar bhios neoil mu'n cuairt do'n ghrein;
Is ann mar cheol bha comhradh leam,
'S mar oran leam a ceum,
'S mo chridhe danns' ri gaire
Mar am fas ghleann ris a Cheit.

'Nuair a bhiodh tu ghaoil a gluasad
Feadh nan cuach-phreas boidheach ur,
Cha mhor nach biodh na neoineanan
A comhstri bhi riut dlu;
'S far an leigeadh tu d' cheum comhnard
Chluinnte ceol a' measg na 'm flur,
A chaill' gu leir mar chlarsach
Anns gach aite 's am biodh tu


Focail do Bhannsuir'each 'o Ghille, air dha
tuiteam ann a' mi-fhortan.

Air fonn—" Mu 'n taice so 'n uraidh," &c.

Tha mo chridh' air a bhuaireadh,
'S tusa 'n drasd' dha m' chur searrach;
Ach mo bheir thu ghaoil fuath dhomh,
Cha dual domh bhi beo.

Is toigh leam a' nighneag,
'S ro thoigh leam a' nighneag;
'S mar a faigh mi a' nighneag,
Cha bhi m' inntinn ach leoint'.

'S tha m' anam air lionadh
Le mulad 'us iarguinn;
'S olc a chaidh leam a bhliadhna-s'
Fhad 's a thriall i 'o tos.

Thainig car orm nach d' iarr mi,
'S chuir sin dhe do rian thu;
Ach a ghaoil bi rium ciallach;
'S e mo mhiann sinn bhi coirt'.

'S iomadh ni their an sluagh riut
Mu mo dheidhinn 's an uair so;
'S is goirt leam-sa na fhuair iad
Ri luaidh as mo choir.

Ach 's iomadh ni thig 's an t-shaoghal-s'
Ann an aghaidh chlann daoine;
Cha mhor neach nach teid aon uair
An darna taobh thair an roid.

Tha mo chridhe dhuit dilis,
Ged a chaidh mo cheann cli ort;
'S mo ghaol dhuit-sa cha diobair,
'S an teid mo shineadh fo 'n fhod.


Am Freagradh.
Air an aon fhonn.

Cha 'n eisd mi ri d' uirnigh,
Chaill mi uileadh mo run ort,
Cha mhor nach iarainn le durachd,
Thu bhi duinte fo bhord.

Ged is toigh leam an gille;
Ged 's ro thoigh leam an gille;
Cha bhi mi reidh ris a ghille,
'S cha teid mi tuilleadh na choir.

Chuir do ghaol mi air ghluasad,
Agus thog mo chridhe suas riut;
Ach tha mi nis air mo bhualadh,
'S cha dual domh bhi stold'.

Cha chreid mi gur firinn
Gu 'n robh thu dhomh dilis;
An cridhe bha seasmhachail direach
Riamh cha d' dhiobair le 'dheoin.

Tha do bhriathran mar ghaoth leam,
'S tha do gheallaidhean faoin leam;
'S mor gu'm b' fhearr leam bhi saor 's tu,
'N deigh dhuit aomadh cho mor.

A nise cuiridh mi m' chul riut,
Ged is cruaidh orm do dhiultadh,
'Us leis mar rinn thu mo chuireadh,
Cha diu leam dhol d' choir.

Cha teid a' m' chuimhne gu siorraidh
An gaol a thug mi 'o chian duit;
'S is goirt orm-sa 's is piantach
Gun d' chaill mi m' mhiann air do phog.


Luinneag.
Air fonn—" You promised that you would be mine."

Thoir aon phog a ghaoil domh—
A ghaoil, thoir dhomh aon phog—
Thoir aon phog a ghraidh dhomh
Ma 's fhag mi an tir;
'S a sin soraidh gu bratha
Le gaol 'us le Mairi —
Ach gus am claoidh am bas mi
Cha shlanuich mo chridh'.

O, ciamar a Mhairi
A dh' fhaodas mi t' fhagail
'S mo chridh' air a sharadh
Le d' mhanran 's le d' mhuirn;
Mar a faca mi riabh thu
Cha bhithinn dha t' iarraidh;
'S nach fhaigh mi thu, 's e phian mi,
A riarach'd mo ruin.

Tha e gorach—gle ghorach—
Dhomh tuilleadh bhi 'n toir ort;
Cha 'n fhaigh mi ghaoil coir ort,
'S mi posadh ri te 'il';
Ach ged' reachadh mo mharbhadh—
'S tha m' aodann da dhearbhadh—
Cha 'n urra' mi nis' falbh 'uat
Gun seanchas dhe d' bheul.


Mo Dhuthaich.
Air fonn—" Ged a tha mi car tamull."

'S mi gu 'n reachadh le durachd
Air ais gu mo dhuthaich,
Gu bhi siubhal na 'ri dlu-choill
'S na 'n stuc bheanna' arda.

Tha mo diridh' anns na beannta'—
Anns na coilltibh, 's na gleannta';
A Shamhradh 's a Gheamhradh
'S e bhi teann doibh a b' fhearr leam.

Leam bu mhiann a bhi 'g eirigh
An am dusgadh do 'n Cheitein,
A chuairteachd na spreidhe
Feadh reidhlean 'us bhlath-dhail.

Cha bu shuarrach an caithream
A bhiodh 'a m' chluasa' sa mhaduinn,
An am gluasad do 'n bhaile
Gu beath' agus gairdeas.

An am an Eadruidh b' e 'n t-eibhneas
'S an toil-inntinn bhi 'g eisdeachd
Ceol na 'n cruinneag a seisdeadh
Ri fonn-gheumnaich na 'n lan-mhart.

Na h-eich a tighinn gu 'm biathadh
'O 'na cruinn 's 'o na cliathibh;
'S an t' oigfhear a tialadh
Air beagan bhriathran ri Mairi.

A chlann bheaga le aighear
A dol an coinneamh an athair;
'S a mathair le farum
A cur car mu'n an fhardaich.

Eoin bheag air na geugan
A seinn am feadana gleusda;
'S osag chiuin-bhog a seideadh
Gu reidh feadh na 'n lan-chraobh.

A ghrian 's na neamhan a g' eiridh
Air cridheacha' eibhneach,
A tha gu dichiollach, treubhach,
Cairdeach, eud-thorrach, blathmhor.


Anna Dhail-na-Creich.
Air fonn—" When the kye come hame."

Ceo a bhios mi 's na caileagan a tachairt air a cheil',
'S ged a bhios mi tric 's an amaideas a tarruinn as an deigh,
'S urra' dhomh a radh' gu saor nach 'eil air an t-shaoghal te,
Do 'n d' thug mise gaol a mhaireas ach do dh' Anna Dhail-na-Creich.
Ach do dh' Anna Dhail-na-Creich, &c.

Their mo chairdean rium gur faoin domh mo ghaol a thoirt cho reidh—
Nach 'eil i 'us mise coltach, 's gu 'r a docha leamsa te 'il'—
Ach 's ann agam fhin tha fios air a chlisgeadh bheir mo chre,
An uair a chi mi aghaidh bhanail Anna mhaiseach Dhail-na-Chreich.
Anna mhaiseach Dhail-na-Chreich, &c.

'S ann na suilean tha ni diomhair a chur mi de 'm rian gu leir,
Ged' bu leam sa mile mhilltean dheanain iobairt dhiu dhi fein,
'S ged a bhithinn-sa na ciadan, s gach bliadhna dhiu gun cheil'
Cha d' thoir mise gaol's cha lamh mi ach do dh' Anna Dhail-na-Creich.
Ach do dh' Anna Dhail-na-Creich, &c.


Mairi Og an Fhuilt Chlannaich.
Air fonn—" 'S ann fior thoiseachd an t-Shamhraidh."

Nach gorach dhomhsa 's nach diomhain
Bhi 'n dail ga 'n di-chuimhnich mi
An gaol a thug mi 'a m' oige
Do dh' oighe 'n fhuilt mhin ?
Ged is iomadh te bhoidheach
A fhuair coir air mo chridh'
'S tu-sa Mhairi an aon te
Do 'n d' d'thug mi 'n gaol nach gabh inns'.

Ged a chuirinn trath la thu
A' m' aire 's mo chuimhn',
N uair a thuiteas mi m' chodal
Tha thu ma' rium a chaoidh;
Cha d' theid aon oidhch' orm seachad
Gu 'n thus' agam a ghaoil
Ann am bruadar a sugradh
A' measg na 'n dlu-phreas 's na 'n craobh.

Ach ochan, ochan, mo dhusgadh
Gu 'n thu-sa ruin aig mo lamh !
'S gu 'n fiu' dochas na duil riut
A bhi cho dlu dhomh gu brath';
Ciod is fhiach dhomh bhi maireann
As aonais aingeal mo ghraidh?
'S 'o nach fhaod mi a buannachd
Nach i 'n fhuar leabaidh 'b 'fhearr?

A Mhairi og a chuil chlannaich,
Tha ra' anam 's tu 'n gaol;
'S be m' aighear bhi ma' ruit
A the na meal-shuilean caomh;
Tha mo chridhe dha t' iarraidh
Mar an t-iasg an cuan saor;
'S b' fhearr pog 'uat na oighreachd,
'S b' fhearr do chaoimhueas na 'n saoghal.

Shoillsich solus na m' anam
An uair a thachair mi 's tu;
Mar a ghrian anns na neamhan
Air beannaibh na 'n stuc,
Chuir t' fhiamhachd, a Mhairi,
M' uile chrabhachd air chul,
Agus theich uam an oidhche
Dhorch', oillteil bha leam.

Ged a bhithinn fo mhulad
Ach thusa bhi m' choir,
'S beag a dh' fhairighinn an cuideam
A bu truime bhiodh orm;
Be 'n t' aighear bhi reidh ruit—
A the a b' eibhniche doigh—
'N am sgaoileadh caoimhneas 'us tlaths 'uat
Mar shamhradh blathmhin na 'n ros.


Duanag.
Air seann fhonn.

Cha teid mi 'nochd do t' ionnsaidh,
Cha teid mi 'nochd do t' ionnsuidh,
Cha teid mi far am beil thu 'nochd,
Ged tha mi goirt do t' ionndrainn;
Ged tha mi goirt do t' ionndrainn,
Ged tha mi goirt do t' ionndrainn,
Cha teid mi far am beil thu 'nochd,
Ged tha mi goirt do t' ionndrainn.

Chaidh bliadhna 'n deigh bliadhna--
'S tha cuig dhiu 'n deigh trialladh,
O'n dh' fhag thu mis' an duil gu'n tigeadh
Tu air ais do m' iarraidh;
Gu 'n tigeadh tu do m' iarraidh,
Air ais a ris do m' iarraidh;
Gu 'n tigeadh tu air ais a ris
A ghaoil mo chridh' do m' iarruidh.

Tha'n speur mu'n cuairt a dubhradh,
'S an oidhche dhorcha 'dunadh;
'S chaidh solus geal mo bheatha-s' as
'S cha 'n eirich maduinn ur orm;
Cha 'n eirich maduinn ur orm,
O'n chuir thu 'ghaoil do chul rium;
Cha 'n eirich ormsa maduinn chaoin,
O'n chuir thu 'ghaoil do chul rium.


Smuaintean Gaoil.
Air fonn—" Whistle o'er the lave o't."

O ! eonain bhig is binne beus,
An d' thoir thu air mo ghaol domh sgeul,
'S eagal orm gum beil i 'n deigh
Mo chur gu leir air di-chuimhn' ?
An inns thu dhomh mu the; mo ghraidh—
Am beil i 'smuainteachd orm-s' an drasd ?
Na 'm faic mi tuilleadh re mo la
Aghaidh thlath na ribhinn?

Bristidh tu mo chridh' le d' cheol,
'S e mo thrath, fo mhilleadh broin—
Riamh o'n dhealaich mi ri oigh
'N fhuilt bhachlaich, or-bhuidh, riomhaich-
Riamh o'n dhealaich mi ri m' luaidh;
An te bhanail, cheanail, shuairc',
An te og is boidhche snuadh,
'Tha 'nise bhuam na miltean.

Tha do cheilearadh 's do shurd
A gluasad ann am' chuimhn' as ur,
'Nuair a bha mi 'us mo run
A siubhal dlu-choill' Dhiomhach;
Tromh na ghleannan sios 'us suas
A mach 'o ghaoir 's 'o fhaoineachd shluaigh,
'Toirt greis air tional shobhrach bhruaich,
'S greis eile 'buain nan dithean.


Dealachadh.
Air fonn—"Cadal cha 'n fhaigh mise."

Thoir do phog dhomh Anna
Mas a dealaich sinn;
Na fag mi 'ghaoil gu 'n ghealladh
Tilleadh fhathasd rium.

Tha mi duilich, duilich,
'S muladach tha mi;
O'n a dh' fhalbh thu Anna,
Ainnir nan rosg min.

Tha mo shuilean silteach,
'S tha mo chridhe trom,
Gun fhois gun tamh a g' iarraidh
Te nan ciabhag dhonn.

'S mi gun chail gun mhisneachd—
Tha mo spiorad bruit';
'S tha mi coma cuine
'Theid mo chur 's an uir.

'S iomadh lath' bh' againn,
Gu h-aighearach le cheil',
Mar dha fhlur as t-shamhradh
Ann an gleann nan geug.

Ach a nochd cha d' thig thu
Ged a bhiodh riut duil;
'S ged a b' fheairrde m' anam
Sealladh dhe do ghnuis.

Tha do chaithir falamh,
'S tha do leabaidh fuar;
'S cha chlninn mi do ghuth boidheach
'Deanamh ceol na m' chluais.

Cha 'n 'eil anns an t-shaoghal
Ach ni faoin nach fhiach—
Greis ma seach ri aighear,
Agus caitheadh dhiar.


Oran Duthcha.

Cha chuir cruit no ceol pioba
Mo mhighean air falbh,
O nach fhaod mi 'bhi 'direadh
Nam fridh 's am bi 'n t-shealg—
Far am faight' an damh cabrach
Anns a mhaduinn, le fearg
A leum suas as a bhadan,
Gu gradcharrach, garg.

B'e mo mhiann a bhi 'n drasda
'S an aite sin fein—
A siubhal nam blath-choire,
Far am fas an deagh fheur—
A direadh nan tulaich,
'S na' mullaichaibh geur,—
'S air chuairt far 'm bi 'n coileach.
A goirsinn air gheug.

Air chuairt far 'm bi 'n coileach
A goirsinn air gheug,—
'S far 'm bi cuach 'seinn a leadain
Anns a mhaduinn chiuin Cheit,—
'S far an cluinnear an smeorach
Anns an Og-mhios le 'beul,
A seinn gu suilbhearach, ceolmhor,
'S gu h-ordumail reidh.

Be mo mhiann 'us mo roghainn
'Bhi 'n sid a taghal a ghnath,
Cha b' e 's a bhaile-s' 'bhi glaiste
A thaitneadh ri m' chail—
Far nach cluinn mi ach tartraich
Agus glagraich nan sraid;
'S an am dusgadh 's a mhaduinn,
'S neo aite leam iad.

Cha b' e sin idir a chleachd mi
Ann an taice nam beann—
A bhi 'cur m' inntinn o mhanran,
'S a cur pramh 'na mo cheann—
Ach an ceilear seamh, boidheach,
'Bhiodh aig na h-eoin anns a ghleann,
'S iad a clarsachd an orain
Air gach ogan 'us crann.

Ach ged a chuir mi mo chulthaobh
Ri mo dhuthaich 's an am-s',
Tha mo dhuil 'dhol da h-ionnsuidh
Gun mor uine 'bhi ann,
Gus am faic mi gach doire—
Gach coill' agus crann—
Gach fuar-bheann 'us creagan—
Gach eas agus allt.

'S gus am faic mi a ghruagach
Dha 'n d' thug mi luaidh agus gaol—
An te dha 'n d' thug mi 'n cion-falaich,
'S an gealladh nach claoidh—
Leis 'm bu tric 'bha mi 'cluaineis
Anns na cuairteagan fraoich,—
'S fo eisdeachd nan luinneag
A bhiodh a' mullach nan craobh


Cuimhneachan Gaoil.
Air fonn—" 'S olc a chuir a mhire rium."

Bha mi 'n diugh an gleann nan craobh,
Far an robh mi tric a ghaoil,
An uaigneas aigh earrach ri d' thaobh,
An uair a dh' fhaod mi 'bhi riut reidh.

Ochan, ochan, 's mi 'tha truagh,
Ochan, ochan, 's trom mo ghruaim;
Agus tu cho fada bhuam,
A the mo luaidh do 'n d' thug mi speis.

Tha na fluraichean a fas
Gu min-dlu cubhraidh mar a b' aisd;
'S seilean riabhach air am barr,
O bhlath gu blath ri airde grein.

Tha na smeoraichean mu 'n cuairt,
'S cubhag dhu'-ghorm mar bu dual;
An uair bha mi 's tu-sa 'luaidh,
G' eisdeachd uallach as an seisd.

'S tha na meana'-phris bheaga, dhlu,
Gu brucach, dosrach, ann a ruin;
'S an dreathan-donn le ribheid chiuil
Toirt failte chiuin do 'n mhadainn Cheit.

'S an t' alltan sruthach, glugach, binn,
A ruith a mhan o airde ghlinn;
'Us dath an airgiod air gach linn
O bhoisgeadh sliom-lannaibh an eisg.

'S gaoithaibh 'n Iair gu cianail, caoin,
Ri ceol mar chlarsaich feadh nan craobh;.
'S a ghrian a dearrsadh air gach taobh,
'S a fagail aoidheachd as a deigh.


Mairi Ghuanach.
Air fhonn—" Bha tri fichead 's a tri," &c

Mar is sine mi 'fas
'S ann is truime mo chradh
'S gun agam mo Mhairi ghuanach.
Mar is, etc.

Nighean donn a chuil reidh
Do 'n tug mise 'n trom eud
Nach lasaich 's an teid 's an uaigh mi.
Nighean, etc.

B' fhearr leam agam thu 'ghaoil
Na mor bheairteas an t-shaoghail,
'S goirt mo chridhe as t' aonais—'s fuar e.
B' fhearr, etc.

Mar latha gun ghrein
A cuairt chursadh na speur,
'Tha mo bheatha-s' gun te mo luaidh leam.
Mar, etc.

'S ann tha m' anam a ruin
An taobh a stigh dhiom fo uir,
'S cha 'n 'eil mo chorp ach mar bhuird mu 'n cuairt da.
'S ann, etc.

'S co a gheabhadh 'na d' choir
Mar bha mise 'na 'm oig'.
Do 'm b' urra' bhi beo 's tu bhuaithe ?
'S co, etc.

Na co a chitheadh do cheum,
A caoin phogadh an fheuir,
Nach biodh le eud duit buailte ?
Na co, etc.

'S do phearsa mar dhealbh
An deigh a tharuinn air ceanb,
Gun chiorram, gun chearb mu 'n cuairt da.
'S do, etc.

Mar a ghrian a' measg reult
A tha thusa 'measg the,
Agus coimeas dhuit fein cha d'fhuaradh.
Mar, etc.

Gaol a gathadh o d' shuil,
'S deadh ghras air do ghnuis :
'S ann bha 'm flaitheas a ruin riut fuaighte.
Gaol, etc.


Ealaidh Ghaoil.
Air fonn—" I'll meet thee on the lea-rig."

Oh ! Ainnir dhonn a leon mi
'S ann leam bu deoin bhi 'briodal ruit,
Cha 'n fhaca mi ri m' bheo
Te cho banail, boidheach, miogach ruit;
O'n fhuair mi eolas ort air thus
Thug mi dhuit run 's cha diobair e;
'S na 'm faighinn thu ri 'phosadh
'Se 'bheireadh solas inntinn domh.

Tha fios agad nach fhaod mi inns'
Gum beil mo chridh' dha t' iarraidh-sa,
'S a ghaoil na bi ro chruaidh orm
Ged reachainn uair a thialadh ort;
Mar leanas reultan agus grein
A cheile feadh na h-iarmailtean,
Mar sin tha m' anams' a' do dheigh
'S cha shearg mo speis gu siorraidh dhuit.

Chunna mi thu 'n duigh ri taobh
Fear og 's e aoidheil coirte ruit,
'Us chlisg mo chridhe 'na mo thaobh;
Bhuin gaol 'us iadach comhla rium;
C' airson nach seachnadh sinn a cheil',
'Us e cho geur oirnn comhlachadh ?
Oh ! Ainnir thoir air ais dhomh 'ris',
Mo shlaint', mo shith 's mo ghoraiche.


Smuaintean.
Air fonn—" The Bonnie House of Airlie."

Fhir a dh' imicheas suas
Thoir na buannachdan so bhuam
Do ghleann ard nam fuaran boidheach—
Gleannamoireasdain mo ghaoil,
Far an guirme 'bhios am fraoch,
A fas ri aodann na' morbheann—
Far am faighte 'n lan damh dearg,
'S an eilid 's am boc earb,
Gu h' aigiontach a falbh feadh nan lointean;
'S far am faighte na h-eoin shleibh
Gu farumach air sgeith,
Agus gillean 's coin air eill an toir orr'.

Thoir mo shoraidh-sa gun dail
Do ghleann gorm nan coire blath,
Na' min-dhail 's nam fasaichean feorach,
Feadh an robh mi iomadh la
'Nuair a bha mi 'na mo phaisd'.
Ann an caoimhneas nan cairdean a b' eol domh,
Gun a churam air mo shaogh'l
Ach a buachailleachd nan laodh
'S a chruidh ghuaillfhionn air na h-aonaichean comhnard,
Ma' ri cuideachda mo ghaoil
'S sinn a cluith a' measg nan craobh,
Ann a neo-chiontas 'us faoineachd 'ar n' oige.

Tha 'na m' chuimhne mar an de,
'N surd a dheanadh sinn gu leir
'Nuair a ghaireadh a Cheit a measg chro-choill,
'S a bhoisgeadh neoineanan 's an fheur,
Mar na reultan air an speur,
'S a bhiodh ur-bheatha g' eirigh 's na h-og-phris;
Bhiodh am beatha 'n tus fo bhlath—
'S fo dhuilleach ghorm gu 'bharr—
Agus calltainn glas 's am fearna tigh 'im comhl' ris.
Ach do 'n darach 's uinnseann cruaidh,
Bha sinn uileadh ann am fuath,
Air son bhi'cumail duilleag ruadh fad' da'n comhdach.


Achnanconeran.

Ged a tha mi 's a bhaile,
'M beil gach abhachd 'us fasan,
Cha 'n abhachd th' air m' aire—
Cha 'n aighear 's cha 'n eibhneas.
Hithill-i-oro-hu-o;
Hithill-iu-oro-eile;
Hithill-i-oro-hu-o.

B' e mo mhiann a bhi 'n trath-so,
A direadh nan ardbheann,
'S a siubhal nam fasach,
O'n a b' abhaist domh fein sid.

A bhi os cinn Achnanconeran,
A direadh nan garbh-chrioch,
A siubhal nan sgarbhlach,
'S a sealg air na feidh ann.

Far am faight' an damh cabrach
'G' eirigh suas as a bhadan,
Gu fuasgailte, sgairteil,
Gu gasgagach, leumrach.

'S far am faight' eilid ghuanach,
'Na 'luidhe gu guamach,
Ann an lagan beag luachraich
Gun ghluasad fo 'n ghreinn oirr'.

Far 'm bi cuach anns an Og-mhios,
A seinn a leadana' boidheach,
Air bharraibh nan ro-chrann,
Agus smeorach da 'beusadh.

'S far am faight' am breac tarra-gheal,
A leum ris a gharbh-shruth;
Gu soillseanach, meanabhreac,
Gu deargbhallach, gleusda.

'S an am tearnadh gu baile,
An deigh bhi 'direadh nam bealach,
Gheibhte gruagaichean glana
A tional na spreidhe.

'S iad uileadh gu boidheach,
Caol cumaira, comhnard;
Gu furanach, ceolmhor,
'S gu h-ordumail, gle-ghlan.

Ach 's i m' iomhaidh-sa 'n aon te
A ghoid bhuam mo smaointean;
Ged a shiubhlain an saoghal
Bidh mo ghaol di 's an eug mi.

Riamh o'n 'chunna mi 'n tos thu
B'e mo mhiann a bhi 'n toir ort;
'S mar a faigh mi thu posda
Theid mi 'n coir na h-aimhreite.

Tha clo dhealbh mar bu mhiannach
Le oigfhear bhi g' iarraidh;
'S do nadur ciuin, ciallach,
Pailt, fialaidh, ri feumnaich.

'S tha t' fhalt bachlagach, orbhuidh'
'Na 'chaisreagan boidheach,
Air a cheangal gu h-ordail
Mar a chordas riut fhein e.

Aghaidh bhaindidh, chiuin, mhodhar
Os cinn do mheal-shuilean boidheach;
Do ghruaidhean tana mar rosan;
'S tha deud chomhnard na d' bheul-sa.

Corp seamhaidh, neo-chearbach,
Gun uireasbhuidh dealbhaidh;
Ciochan corrach, cruinn, tarbhach,
Mar chanach fannagheal an t-sleibhe.

Troidh chumaira, chomhnard,
Chaol, chothromach, stoilte,
Nach lot flur na feoirnein,
'S nach dean neoinein a bheudadh.

A nighean mhin an fhuilt chlannaich
'S nan gruaidhean dearg tana;
B'e mo mhiann a bhi ma' riut
Ann an gleannan nan geugan.


Thug Mi Gaol do The Bhan.

Tha mo chridhe 'cheart cho fuar
'S ged bhithinn suaint anns a bhas
O'n a dhealaich mi ri m' luaidh—
An aon te 'bhuair mi le 'gradh.
Thug mi gaol, gaol, gaol,
Thug mi gaol agus gradh;
Thug mi gealladh 'us trom ghaol
Do the chaomh nan ciomh ban.

'S goirt na deoir a ruith le m ghruaidh,
'S bochd mo thuar, 's geur mo chradh;
'S mi dha d' chursa 'nise bhuam,
'S nach fhaod mi luaidh ort gu brath.

'S iomadh ceum a shiubail mi,
Le ainnir mhin nam bas ban;
An uair nach robh mi anns an duil
Gum biodh a cul rium cho trath.

Shaoil leam nach robh fo na ghrein,
Na mhilleadh m' eud do 'n te bhan;
'S mar a d' thigeadh orm droch uair
Cha chumadh bhuams' i ach bas.

Ach thig an t-am a bhios mi sint'
An ciste dhireach nan clar;
'S theid thusa 'ghaoil a choimhead m' uir,
'S a dh' fhagail flur air mo charn.


Guanag na Duthcha.
Air fonn—" A Nighean donn an t-sugraidh."

Thoir dhomh-sa 'ghaoil do choimhneas.,
'Se 'chuireadh failt' 'us loinn orm;
'S a dh' fhagadh lan mi 'dh' aoibhneas.
Gach la' 'us oidhche 's maireann mi.

'S mor a thug thu thaobh mi
Le d' mhais' agus le d' aoidheachd :
Tha ni-eiginn na d' aoduinn,
Nach cuir an saoghal a' m' aire-sa.

Tha cridhe fo do chiochan
Tha 'deanamh nadur grian domh;
'S na 'm faoduinn 'dhol do t' iarruidh
Bhiodh Dia agam ri 'bheannachadh.

Na 'm faighinn thu ri 'bhuannachd,
Bu deonach leam an uair tighinn,
'S am bithinn 'us mo ghuanag
'An gaol bi'-bhuan neo-dhealaichte.


Dealachadh Eile.
Air seann fhonn.

'S mise 'n diugh nach 'eil sitheil,
'S trom an t' eallach 'th' air m' inntinn,
A fagail m' Anna na' miltean a m' dheigh.
A fagail, etc.

'S gach uair agus meanaid,
A deanamh 'n asdair nis fhaide,
Eadar mis' agus m' Anna chiuin, reidh.
Eadar mis', etc.

An Inbhirnis a tha 'n leannan
Do 'n d' thug mis' an gaol maireann--
An gaol cumhachdach falaich nach eug.
An gaol, etc.

An Inbhirnis nan tur arda
A tha beanag mo ghraidh-sa,
Ris an robh mi a manran an de.
Ris an robh mi, etc.

'S le bhi 'nise dha 'fagail
'S ann tha mo diridh' air a sgaineadh,
'S tha mi uile' fo chradh-lot ro-gheur.
'S tha mi, etc.

'S mi nach cuireadh mo chul riut,
'S mar a bhios mi dha t' ionndrain,
Mar biodh an saoghal da 'r sgiursadh o' cheil'.
Mar biodh, etc.

Saoghal guineach, neo-chaoimhneil,
Saoghal duilich do 'n toilltneach;
Saoghal dorcha, dubh, oidhcheil, gun ghrein.
Saoghal, etc.

'S ged a gheabhar dhomh coire
Airson mo ghaol bhi cho daingean,
Cha 'n urra' mise' bhi 'lagh ri neart m' eud.
Cha 'n urra', etc.


Seonaid.
Air seann fhonn.

'Se 'm bruadar oidhch' a bh' agam-sa,
Air leabaidh 'us mi 'm shuain
A chuir air ghluasad m' aire dhomh,
'S a charaich m' anam suas—
'Bhi coimhead Seonaid bhachlagach,
'Na m' ghlacaibh agam suaint',
Beul ri beul i glaist agam,
An taitneas tairis luaidh'.

O ! Sheonaid bhoidheach, mhiog-shuileach,
A chuailean riomhaich bhain,
Thug mi gaol le firinn duit
O thiom nach lamh mi 'radh';
Is e mo reusan mulaid-sa
'Us m' uireasbhuidh do ghnath,
Nach' eil thu 'n comhnuidh maille rium
O ! ainnir nan geal-lamh.

Na'n d' fhuair mi 'ghaoil le ordugh thu
Bhiodh m' inntinn og aig saors';
'S bhithinn da rireadh sasuichte,
Ge d' shaoileadh cach mi faoin;
Ach thusa 'bhi 'na d' oirdhearcas
An comhnuidh aig mo thaobh,
Gu m' chabhair le do dhearbh-mhaitheas
Tro' gharbh-cheumaibh an t-shaoghail.

'Se sealladh dhe do mheal-shuilean
A thaitneadh ri gach aon;
'Se d' aghaidh bhoidheach, aingealach,
'S do mhalaichean glan, caol—
'S do ghruaidhean mar rois mheangannan,
'S do bheul dearg, meachair, caoin—
A bheireadh air na h-oigearan
Bhi 'n toir ort air a chaoch.


C' ait an diugh 'm beil an Ainnir?

Tha 'Nollaig 's a Challuinn
A nis' againn le 'cheile;
'S 's iomadh uair 'chaidh iad seachad
A dh' fhag iad agam-s' cor eibhneis.
'S 's iomadh, etc.

Ach tha mi 'nise na m' Gheamhradh
Gun duil ri Samhradh orm eirigh.
Ach tha, etc.

Rothadh liath air mo chridhe,
'S fuar-ghaoth bhiorach dha m' reubadh...
Rothadh liath, etc.

'S cha till rium ri m' shaoghal
Na laithaibh aotrom a threig mi.
'S cha till, etc.

'S cha 'n 'eil anns na chaidh seachad
Dhe mo bheath' ach mar sgeula.
'S cha 'n 'eil, etc.

Tha 'tighinn air ais orm mar bhruadar,
Dha mo bhuaireadh go deuraibh.
Tha 'tighinn, etc.

'S bheirinn m' uile chuid mil' uair
Airson gu 'm b' fhirinn na 's leir dhomh—
'S bheirinn, etc.

Mis' 'us Mairi chiuin, bhoidheach,
Air feadh nan og-phreas le 'cheile.
Mis' 'us Mairi, etc.

Mar fhluraichean Bealltuinn
'Us grian Samhraidh dha 'n eideadh.
Mar fhluraichean, etc.

C' ait' an diugh 'm beil an ainnir
A rinn m' anam-sa 'cheusadh ?
C' ait' an diugh, etc.

An Dara Pairt.

DAIN, ORAIN CUMHA, AGUS RANNAN EILE.

Sgeulachd.

An deigh 'bhi fichead bliadhn' air astar
Ann an aitibh fad air falbh,
Thill an coigreach sgith air ais
'Us leig e dheth an cath 's an t-arm;
Bha iarrtas a chridh a rithisd
Gus an tir san robh e og—
"Tir nam beann, nan gleann 's nan gaisgeach"
Tir nan cas-eas, tir a cheo.

Rugadh e 'an gleannan boidheach
Far an cual e 'n smeorach tric,
Agus cubhag ghorm 's an Og-mhios,
'Deanamh ceol air feadh nam pris;
'S far am b' abhaisd dha bhi 'marbhadh
Nam breac tarragheal air an linn.
'S a bhi ruith nan lan damh dearga
Feadh nan garbh-shleibhte 's nan glinn.

Chuimhnich e air laithibh oige
'N uair a fhuair e rithisd e fein
Ann an duthaich ard a chairdean,
'S air na dh' fhag e as a dheigh;
'S chuimhnich e—'us bhreab a chridhe—
Air a' nighean bhoidheach, bhan,
Dha 'n tug e an gaol 's an gealladh,
Nach do dhealaich riabh ris la.

N uair a dh' fhalbh e dhinns' e 'run di
'S rinn iad cumhnanta ri cheil'
Agus gheall i air a cioch dha
'Bhi co-dhiu cho dion ris fein;
Thubhairt e rithe gum pilleadh esan
Ged a b' ann an leth-cheud bliadhn',
'S fhreagair i " mar till a ghraidh thu
Gheabh am bas mi dhuit-sa fior "

Ged nach robh e uile bheairteach,
Rinn e pailteas air a chuairt,
'S b' fhada 'sporran o bhi falamh
A tighinn dachaidh do 'n Taobh-Tuath;
Runaich e air togail tighe
Ann an caidreamh an Uillt-Ruaidh
'S ma bha Anna bhan a lathair
Bhiodh a lamh aig air an uair.

Be so a smuaintean 'us e g' eiridh
'S an tigh-sheinns' air maduinn fhuar,
'S e 'faicinn fir na duthcha 'tional
As gach baile beag mu 'n cuairt;
Chual' e gum b' e la 'Mhail e,
'S rinn e gairdeachas an duil
Gum faiceadh e a ri'sd na cairdean
Coir a dh' fhag e air a chul.

Ach Och, 'us Och ! bu bhochd am prasgan,
'N uair a chaidh e 'measg an t-sluaigh;
Bu leir shoilleir cruas an t-saoghail
Air gach aodunn agus gruaidh;
An aite daoine mora, troma,
Breacain shomalt', agus tuar,
'S e bhann pronnasg, chaola, loma,
'S iad air tolladh leis an fhuachd.

'N uair a thainig Latha na Sabaid
Chaidh e 'Chul-nan-Carn a chluinntinn
Briathraibh 'n t-shoisgeil anns a Ghaelig,
Ged nach mor dhi 'thamh na 'chuimhne
Agus shuidh e far am b' a'isd da
'N uair a bha e og na 'bhalach
Eadar athair 'us a mhathair,
G' eisdeachd sacramaid nam beannachd.

Cha 'n aithnicheadh e fear a' dusan
Dhe na 'chunnaic e mu 'n cuairt da,
Bha e b' eolaiche 's an Spain
Na ann an Cul-nan-Carn 's an uair sin;
Bha fiamhachd neach an sid 's an so
Mar choltas caraide dha 'bhualadh,
Ach sann a dh' fharaich e da rireadh,
Mar gu 'm biodh e ann am bruadar.

Ach thug e 'n aire thair a ghuallinn
Do dh' aon ghruagach, stuaime, bhoidheach,
A shuidh ri taice bodach gruamach,
Mar fhlur ri taobh lus suarrach loine;
Cha 'n fhaca 'shuilean riamh air thalamh
Dealbh a leannain ach a' nighneag;
'S chrith a chridhe mar an duilleach;
Ghluaiseadh rud-eigin na inntinn.

Chaidh e 'm feasgar sin an cabhaig
Gu tigh athair 'us a mhathair,
'N duil ri 'm faighinn aig an dachaidh,
Ma' ri 'pheathraichean 's a bhraithrean;
Fhuair e an t-Allt-Ruadh 's an Creagan,
'S an ceuman faiche mar a bha iad.
'S rinn an sealladh og a risd e,
'S ghuil a chridhe le meud a ghairdeas.

'S ann an cuairteag bheag de'n rathad
Thachair air an ainnir ghuanach
A shar a shuilean anns an eaglais,
A tighinn na 'choinneamh le ceum uallach;
Mar a ghrian an tus na maidne
'Sgaoileadh soluis geal mu 'n cuairt di,
Bha aghaidh fhlathail, mhaiseich chaoimhneil,
Na h-og mhaighdinn do 'n fhear-fhuadain.

Thubhairt e ri' gu socrach, siobhalt'—
"A ribhinn inn's dhomh mu do chairdean,.
Cha 'n 'eil fhios nach 'eil thu 'chuideachd
A chuireadh air fear-turuis failte;"
Fhreagair ise—" Thoir an sluagh ruim
Caileag ghuanach Cheann-na-Loine,
'S nighean mi do dh' Anna Bhan,
Do theaghlach Phadraig Bhail'-an-t-Sroine."

"Mo leannan, Anna Bhan na 'mathair !
C' arson a thainig mi do m' dhuthaich!
Nach truagh nach d' fhuirich mi 's an Spain
A bruadal air na dh' fhag mi dlu dhomh?
O ! bhoirionnaich co 'bheireadh creideas
Dha do gheallaidhean na d' bhoidean !
C' arson tha duine dhuit cho lag,
'S gu 'n gabh e d' fhacal air a sholas?

Chum e roimhe 'dh' ionnsuidh 'n tighe
Agus anam air a chradh-lot;
Gus nach creideadh e a shuilean
Gu 'n robh e cho dlu dha 'n fhardaich;
Ach an aite smuid 'us beatha
'Bhi mu 'n dachaidh mar a dh' fhag e,
'S ann nach robh ach graine chlachan
'Us smurach mhaidean air an laraich.

Shuidh e 'mhan air leac an doruis
Bha 'ghrian a dol fodha mu 'n Chruachan,
'S a chamhanaich mar fhaileas sgathain
Ri caoin ath-dhearsadh air gach fuar-bheann;
Bha cridhe 'choigrich bhochd trom, tursach,
'S tuiltean 'na dha shuil a gluasad;
Dh' fharaich e 'spiorad bras dha 'fhagail,
'S an saoghal falamh, fas, mu'n cuairt da.

Bha 'chraobh-chaoruinn fhathasd na 'seasamh,.
'S am beagan phreas a bha 's a gharadh,
'S a chlach mhor aig ceann an tighe
Ann na 'luidhe far am b' abhaisd;
Ach mathair cha robh ann na athair,
Na puithair charthannach, na brathair;
Na fiu eolach, na seann charaid
Mu 'n cuairt do 'n dachaidh 's an deach 'arach.

Dh' eirich e gu trom, mi-shunndach,
'S chaidh a 'dh' ionnsuidh an tigh-osda,
Far 'n do chuir e 'n oidhche seachad,
Air bileag codail agus solais;
'S an uair a dh' eirich suas a mhaduinn
Air a cathair mhaiseach, ordhearc,
Fhuaradh eis' am Bail-an-Tomain,
Ann an comunn cianail, somhach.

'S a tighinn air ais a ris am fheasgar
Thachair air an te a chiur e,
'S dh' inns' a chridhe dha co bh' aige
Ged' nach d' aithnich e le 'shuil i;
Thuit iad ann an cneacas bruidhne
Mu'n an duthaich 's tioman eile;
Chaith eise 'n oidhche sin sa Bhraighe,
'S an lath'rna mhaireach ghabh e chead de.


Oran do Chomunn Chlann Domhnuill.

Thoir tasgaidh bhuam 'us beannachadh
A dh' ionnsaidh uasail cheannasach
A' Chomuinn bhuadhar, fhearalach,
Dha'n uile dhual 'bhi smearalach,
A reir mar 'ghluais an seanairean—
'S e 'thi mi 'luaidh na maithibh
'Tha mu Chomunn glan Chlann Domhnuill.
'S e tha mi, etc.

Mo cheisd na laoich eireachdail,
'Tha 'cumail beo gu beadarrach
Gach gnaths 'us doigh nach beag oirnn
A bh' aig na seoid o'n d' leigeadh oirnn
An cleoca gloir nach teirig dhuinn—
Clann Domhnuill mhor neo-eagalach,
Co 'm fineadh 'bheireadh toir dhiubh ?
Clann Domhnuill, etc.

'S cha 'n aobhar tair' na maslaidh dhuibh
Aon suil na dha air ais a thoirt,
'S an tiom a ri'sd a bheachdachadh
'S an robh 'ur sinns'readh gaisgeanta,
Na 'n reultaibh 'soillseachd eachdaireachd,
'S gach latha riamh—mar thachras dhoibh,—
'N ceum toisich ac' 'us coir air.
'S gach latha, etc.

Maraon a sgiursadh Lochluinnich,
Na 'sgapadh Ghoill 's da 'n closnachadh,
Air muir 's air tir co 'choisneadh iad ?
An gearradh chinn 'us chlogaidean
Cha b' ann gun bhrigh dhoibh 'm brosnachadh,.
'Nuair 'dh' eireadh coig 'us crosd orra
Bu ghoirt do luchd 'am foirneart.
'Nuair dh' eireadh, etc.

'S ann 'chi mi 'ri'sd 'am bruadar iad—
Na flaithaibh fiughant', cruadalach,
Gu srolach, piobach, nuallanach,
Gu gunnach, olaidheach cruaidh-lamhach,
Gu sgairteil, tart'rach, luath-cheumach,—
A dol 's an ordugh uamhasach
A choisneadh buaidh 's gach comhraig.
A dol 's an, etc.

Mac-Dhomhnuill mor nan Eileannan,
'Us Mac-ic-Eilean sheasadh e;
Gleanna-Comhann cha cheileadh e;
'S a Cheapuich cha bhiodh deireadh oirr';
'S Gleann-Garradh dlu, 's cha theicheadh e;
'Us iomadh fion-fhuil eile
Nach biodh leibideach 's a chomhlan.
'Us iomach fion-fhuil, etc.

'N uair 'thogta suas aig Armadull
A bhratach rioghail, anabharrach,—
Long, leomhann, craobh, 's laimh-dhearg oirre,
'S am bradan slimneach, tarraghealach,
Crann-tara 's fraoch nan garbh-bheanna';
Do namhad bu neo-earbsach
'Thighinn a dh' fhaotuinn cearb na sgeod oirr'.
Do namhad, etc.

Mar mhuir a beumadh chladaichean,
Mar thuil a leum le creaganan,
Mar uisge speur 'us dealanach,
Mar ghaoth a reubadh dharagan
Siol Chuinn fo eirigh dealasach;
Gu dearbh do'n dream ri'n reachadh iad
Bhiodh cuirp 'us claigirin leointe.
Gu dhearbh do 'n etc.

Sar shliochd nan righrean uasal
A bha 'n Alb' 's 'an Eirionn uaireigin,
'S da rireadh cha bu shuarrach iad;
Bha iomadh la 's gu'm b' uaibhreach iad,
Air fonn 's air sal mar 'ghluaiseadh iad,
'Us lean an aill' 's an dualchuis ud
Gach al a ghluais o Dhomhnull.
'Us lean an, etc.

'S cha b' ann aon uair ach iomadh uair
Bu cheisd do chach an cuireadh iad
An Alb' an crun 's a h-uile ni
An taobh 'ra bu mhiann leo 'm buileachadh—
Cha mhor nach d' rinn na curaidh sid—
'Us chuala sinn gu 'm buineadh dhoibh
Dheth tuilleadh 'us leth corach.
'Us chuala sinn, etc.

'S mar deacha leo Cath Gharioch
Cha mho a chaill na'm b' aithne dhoibh
Mar sheas a chuis 's a chamhanaich;
Cha mhor a bh' aig na Gallaibh dheth
Ach oidhche chianail, chaithriseach;
'S ged 'chum iad lar gu maduinn ann
Cha b' ann a tharrainn comhraig.
'S ge d' chum, etc.

Ach 's iomadh linn a chunnaic iad
O sid gu statail, urramach,—
Clann Domhnuill a bha cumhachdach,
Ro laidir, dana, curanta;
Ach thainig la 'us chuireadh iad,
Maraon 's na Gaidheil uileadh
Gun doibh feum 'an tuilleadh seodachd.
Maraon 's na, etc.

Ach gheabhar fhathasd 'an uachdar iad,
'S gach uile cearn' 's an gluais neach dhiu';
Tha seorsa naduir fuaighte riu,
Gur docha leo 'bhi 'buannachadh
Na luidhe 'n iosal suarrachais;
Tha ardan agus uails' annta
Is lochrain buaidh dhoibh 'n comhnuidh.
Tha ardan agus, etc.


Cumha Mathair.
Air fonn—" Oran an t-Shamhraidh," le Alasdair Mac
Mhaigstir Alasdair.

An am dhomh eirigh 's a mhaduinn
'S neo thaitneach mo sgeul—
A bhi na 'luidhe air cluasaig,
'S gun aic' iarraidh air gluasad,
Am bas an deigh a bualadh,
'S i fo fhuarachd a sgeith—
A bhean dilis 's a mhathair,
Nach d' fhag a h-aicheadh a' deigh.

'S goirt a rainig e m' chridhe—
'S ann chaidh mi 'shileadh nan deur—
'Nuair a thuig mi ga 'n d' fhag thu
Gu siorruidh 'n tealluich mu 'm b' ai'st duit
A bhi 'cur uileadh oirnn failte,
Mar ghrian an airde nan speur,
Ann a maduinn bhlath bhoidheach,
Air fasachd oirdhearc a Chre.

'S ann tha 'n t-ionndrainn 's 'an dachaidh,
'S an fhalamheachd fhuar,
Anns nach fhaicear do chaomh-ghnuis,
'S anns nach cluinnear do chaoin-ghuth,
Do 'm b' ai'st oirnne 'bhi taomadh
Gradh 'us gaolachd mu 'n cuairt,
Mar fhrasan Samhraidh a braonadh
Air gorm-aodann nam bruach.

'S b' e sid a ghnuis a bha tlachdmhor,
Aoidheil taitneach ri cach;
Foinneamh, finealta, stuaime,
Caoimhneil, carthannach, suairce,
'S nach fhaicte 'dorchadh fo ghruaimean,
Air cho chruaidh 's ga 'm biodh cas;
Cha chuireadh trioblaid na buaireadh
Gu siorraidh fuachd air a blaths.

'S a guth—bu bhinn' e na coisir
A' measg nan eoin anns na glinn—
An uair a sheinneadh i oran,
Na 'dh' innseadh i sgeola,
Co nach eisdeadh gu deonach
Ri a ceol-chainnt bhog, bhinn;
'S ann aice fein a bha 'n doigh
Air a cur an ordugh gu grinn.

Bu tric a chunna mi againn
Leth a bhaile mu'n cuairt—
Na daoine 's na mnathan,
Na fearaibh oga 's an leannain,
Gu leir a tighinn gu bhi ma' ri,
'S a dh' fhaotuinn toileachadh uaith';
'S ann di-sa 'thigeadh an t-aighear,
'S an dibhearsan gach uair.

'S i bu 'ghrian duinn 's bu ghealach,
'S i bu 'phlanaid, 's 'bu reult;
A Sathadh 's a boisgeadh
Mar an neamhnad na 'n daoimean,
Na mar ghath-sholuis soillseach
Anns an oidhch' air an speur,
A feuchainn rathad feadh choilltean
Far nach d' rinneadh an ceum.

Ach ciod a math dhuinn 'bhi 'bruidhinn—
Tha 'ar suidheachadh cruaidh;
'S cha d' thig ise do 'r n' eisdeachd,
Na a thiormachd ar deuraibh;
Dh' fhalbh am bas le, 's b' e 'm beud e,
'S tha sinn eiginneach, fuar;
O na thugadh bhuainn fein i
Dh' fhalbh 'ar n' eibhneas. 's ar' n' uaill.

Ach thig an oidhche 'n deigh 'n latha
Mar thig cath an deigh sith;
Cha robh Samhradh gun Gheamhradh,
'S tuitidh 'n duilleach 'nuair 's am dhi,
'S theid an treun-churaidh amhladh—
Cha 'n 'eil ann ach da ni—
An diugh 'ar cois air an fhaillean
Fo 'm faod sinn 'maireach 'bhi sinnt.


Leam Fhin.
Air fonn—"Eh, oro, Maol-Ruanidh."

Eh, oro, mo thruaighe mise dheth,
Eh, oro, mo thruaighe;
Dh' fhalbh mo chairdean 's dh' fhag iad uileadh mi,
Eh, oro, mo thruaighe.

Dh' fhalbh mo chairdean 's dh' fhag iad uileadh mi
Eh, oro, mo thruaighe;
'S mu 'n d' fhuair iad reusan threig mo chuideachd mi,
Eh, oro, mo thruaighe.

'S mu 'n d' fhuair iad reusan threig mo chuideachd mi,.
Eh, oro, mo thruaighe;
Cha tig a h-aon an gaoth dhomh tuilleadh dhiubh,
Eh, oro, mo thruaighe.

Cha tig a h-aon an gaoth dhomh tuilleadh dhiubh
Eh, oro, mo thruaighe;
'S ann tha mi sgith leam fhin 'us muladach,
Eh, oro, mo thruaighe.

'S ann tha mi sgith leam fhin 'us muladach,
Eh, oro, mo thruaighe;
'S mo chridhe 'dol aog chion aoidh 'us cuideachda,.
Eh, oro, mo thruaighe.


Cumha Mnatha.
Air fonn—" Cha till mo bhean tuilleadh."

Dh' fhag mi 'n diugh anns a chlachan
'An trom laidhe fo 'n fhaid,
Bean mo shugraidh 's mo gheallaidh—
Bean lean rianachd m' oig'.

Cha till mo bhean channach,
Cha d' thig mo bhean mhin :
Cha till mo bhean bhoidheach,
'Us mise m' onar leam fhin.

'S truagh a ghaoil nach e mise
'Bha 's a chiste 'na d' ait';
Ciamar 'shiubhlas mi 'n saoghal
A nis' as aonais do ghraidh?

Cha chluinn mi tuilleadh mar b' abhaisd
Do ghuth blath-bhinn na m' chluais,
Na do cheum air an urlar,
A dol gu sunndach mu 'n cuairt.

Tha do mheal-shuilean duinte
'S tha do ghnuis gun a tuar,
'S tha do bhilean neo-dhaite,
Ged bu thlachdmhor do shnuagh.

Cha 'n 'eil m' ardach ach fuar dhomh
Gun thu-s' a luaidh ri mo thaobh;.
B' fhearr leam agam a' nochd thu
Na meud fortan an t-shaoghail.

Tha do leanabh na m' achlais
'S e 'toirt dealt air mo ghruaidh;
'S a chridhe beag air leth sgaineadh
A g' iarraidh 'mhathair 's i bhuainn.

Chaidh solus mo bheatha-s'
As le osag a bhais;
'S tha nis' oidhche mu 'n cuairt domh,
Ach 's math nach buain' i na m' la.


Rannan Cuimhneachain air Mairi Nic-Ealair.

'S goirt an sgriob a thugadh oirnne
'N am do 'n eorna bhi ga 'ghearradh,
'N uair chaill sinn Bannrigh ard nan oran,
Mairi cheolmhor, choir, Nic-Ealair;
Tha ar garadh air a maoladh
O'n a thuit gu lar a chraobh ud,
Air am faighte 'm barr gu daonnan
A bha priseil, maoth-bhlasd', taitneach.

Tha 'n reult bu shoilleire 'n ar speur
A' nochd gun eirigh mar a b' abhaisd,
'S cia as bhios duil againn ri te eil'
'Bhios cho leir-gheal is a bha i?
Bithidh ionndrainn air an t-soillse
Ann ar measg a ghnath a rinneadh
Le a gathan glana boisgeannt',
A dheanadh oidhche mar an la dhuinn.

Tha'n t-eun bu bhinne seisd 'sa chro-choill,
'Nise somhach, 'us be 'm beud e,
'S gu 'm bu mhilse, 's gu 'm bu bhoidhche
'Ceol na organan 'us teudan;
'S iomadh suil o'n sil na deoiraibh,
Agus cridhe 'bhios ciuirte leointe,
Nach cluinnear tuilleadh i ri orain—
Is aobhar broin e agus eislein.

Ach thainig t-am is dh' fhalbh thu, 'Mhairi,
Gu bhi 'measg nam bard a chaidh;
'S cha mhor dhe d' leith'd a'd dheigh 'dh' fhag thu;
Ann an Gaidhealtachd nam beanna';
'S ann a bha thu dhuinn mar mhathair,
Le do chridhe fialaidh, pairteach,
Do 'm bu smuain a dh' oidhch' 'us la
Gach ni a b' fheairrde sinn 's na gleanna'.

Mar thachair dha do leith'd an comhnaidh,
Chuir an saoghal a chleoca fein ort—
Na' n tigeadh grian na'n speur 'na 'choir,
Cha b' fhad 's an comhdaichte le breid i—
Cha deacha 'n ceann 's an cridh' cho coirte
Riamh aig neach sam bith 's bu deonach,
'S gheabhar a ghnath a' measg an oir
Na ceudan seorsa ni neo-fheumail.

Sith gu siorruidh dhuit a Mhairi,
'S iomadh gras a bha riut ceangailt',
Cha leig sinn a cuimhn' gu bratha
Sealladh blath do thlath-shuil mheallach;
Le do mhaitheas 'us do bhuaidhean,
Le do chairdeas agus t-uailse,
Shnaim ar cridheachan mu 'n cuairt duit,
Mar an eidhionn chruaidh mu 'n mhaide.


Do n' Mhiosail Ghaidhealach—1892.

Failt' 'us furan air a Mhiosail,
'Thainig thun an t-shaoghail am bliadhna,
Gu ma fallain, leathann, lionta,
A bhios bronag;
'S gu ma h-ioma' taobh bun-griosaich
'S am bi 'h-eolas.

Bha 'n t-am gum freumhaicheadh 'n ar garadh
Craobh a ghealladh meas a dh'fhas oirr—
Meas trom, torrach, tarbhach, laidir,
Brioghmhor, taitneach;
'S fhada bho 'n bha duil nan Gaidheal
Ri sid fhaicinn.

'S bha 'n t-am air tighinn mar an ceudna
Gu'm faicte ronnag air ar speuraibh—
'S air cho beag 's dha 'm biodh a h-eibheachd
An tus a dearrsaidh —
A dh' fheuchadh gum beil latha g' eiridh
Air a Ghailig—

Latha soilleir, fonnor, briagha,
Mar ghaire Samhraidh 'n deigh siantan,
Na mar mhaduinn bhoidheach, ghrianach,
An deigh oidhche,
A boisgeadh air na sleibhtibh fiarach,
'S air na coilltibh.

'Se Soisgeul-theachdaireachd na 'Miosail
Braithrean dhe na Gaidheal a dheanamh,
Agus eachdaireachd nam bliadhna
A chaidh seachad,
A chur ri cheile dhuinn 'am briathraibh
Tuigseach, farasd'.

C'airson nach fhaigh gach linn tha 'g' eiridh
Eolas air na laoich a dh'eug bhuainn,
'S air na maithibh calma, treunda,
A bh'ann romh'inn,
Air nach'eil ri inns' droch sgeula,
Na cunntas coimheach?

Ged is glic sinn 's ged is proiseil,
Cha 'n 'eil fhios nach b' fheairrd' ar doighean
A bheag air choireigin do dh' eolas
A bhi againn,
Air caitheadh-beatha laochraidh Chona
O chionn fhada.


Dan.
Air fonn—" 'S gu'm bu tarbhach am bradan," &c.

Nam faigheadh sinn mar bu deoin leinn
Air ais a rithisd ar n' oige,
Bhiodh sinn uile ro-sheolt' agus ceilleil.
Nam faigheadh, &c.

Ach a mheud 's a bu mhiann leinn,
Cha till ruinn mionaid gu siorraidh,
Ged a dheanadh sinn bliadhna do 'n te sin.
Ach a mheud, &c.

Dh' fhag an de sinn gu bratha,
'S bidh 'n diugh a' maireach na 'aite;
'S mar sin la agus la 'n cois a cheile.
Dh' fhag an de, &c.

Mar uisge nam beanna'
A ruith gu iosal nan gleanna',
Gu siorruidheachd beatha gach creutair.
Mar uisge, &c.

Na mar an duilleach air uachdar
Sruth na h-aibhne 's i 'gluasad
A dh' ionnsuidh a chuain as nach eirich.
Na mar an, &c.

'S o nach fhaigh sinn a bhuannachd
Air ais a rithisd na fhuair sinn,
'S tric gur buidhe leinn 'bhi bruadar mu 'dheidhinn.
'S o nach fhaigh, &c.

Tha suil air ais air na dh' fhag sinn,
Gu tric na aighear 's na ghairdeas;
Ach sealltuinn romhainn mar airde chuain bheucaich.
Tha suil air, &c.

'S mar a misde cha 'n fheairrde
Mo chridhe cho minig 's a tha e
A' measg nan cuimhneachan gradhach a threig mi.
'S mar a, etc.

'S gur ann tha bliadhnaibh do 'n tional,
Mar an cuan gus a chladach
Na geala-chlachaibh beaga na 'n ceudan.
'S gur ann, &c.


An Cuimhneachan.

Mu 'n am so 'n de bha sinn eibhinn, aighearach,
'An ceann a cheile gun bheum gun chab as'inn;
An diugh gur maol sinn 'us aon te 'n cadal oirnn—
'An cadal sior' as nach iarr i carachadh.

Co sheasas t 'aite o'n dh' fhag thu falamh e?
Am beil mu 'n cuairt duit a luach na leamas tu?
Chan ann 's gach fardaich a bha do leathaid-sa,
Mar bhean 's mar mhathair bu nadur aingil thu.

Ach dhorchadh reult anns an speur a shoilleirich
Do mhath 's do bheusan a the bu loinneile;
Chaidh grian fo chuan 'n uair a dh'fhuaraich t'aghaidh-sa
'S a dh' fhalbh an tuar a bha uasal foinneasach.

Tha eunan somhach bu bhoidhche sheinneadh dhuinn
Na cruit nan smeoraich 'an cro-choill leadanach;
Mar theud na fidhle bha 'min-ghuth feadanach
An toiseach coisridh na 'n comhradh beadraidh.

'S falamh 'chuil gun do shuil ga 'dealrachadh,
'S gun chainnt do bheoil 'cur an ordugh 'n dachaidh dhuinn;
'S ann na do lathair a ghnath bha 'n fhallaineachd,
'S an tlus 's an cairdeas, a bhasaich maille ruit.


Do 'n Duilleach.

Ged a b' ard air craobh an de thu,
Tha thu 'n diugh na d' luidh' 's an fheurach;
Thaing t' am 'us sguab an t-Eug
Le 'sheid gu lar thu;
'S cha 'n fhaicear tuilleadh thu air geug—
Tha greim a bhais ort.

'S cha dhuisg thu 'm feasda ris a mhaduinn
A dannsa feadh nan gleann 's nam badan,
'S a sgoileadh beath' 'us blaths air talamh,
Mar mhaighdionn ghradhach
A lasadh gaoil an uchd a leannain
Le gath a tlath-shuil.

Ni mo a fhreagras tu do 'n reidh-ghaoth,
Ged bu tric 'an glacaibh 'cheile,
'Phung sibh oran, ceolmhor, seisdeach,
Feadh gheug 'us bharraich;
'S a ghabh sibh cronan do na ghrein,
Dha 'cur a chadal.

Sheinn an samhradh crann-ghorm cuachadh,
'S am foghar fallain, tairis, uachdrach,
An uchd a cheil iad fhein 'an suain,
'S 'am bruadar diomhair,
Air broilleach caidreach nach leig bhuaidhe
Iad gu siorruidh.

Mar sin is deireadh do chlann-daoine;
Bheir am bas fo 'sgeith gach aon dlu,
'S cha bhi beatha duin' ach aotrom
Aig tighinn na h-uarach,
Ach 's e sin isle 's aird' an t-shaoghail,
'Us crich ar cuairt ann.

Ged bu le neach cuan 'us talamh,
'S gach reult 's na neamhan agus planaid,
'Nuair thig eadar corp 'us anam
An sgaradh bi'-bhuan—
'S ged bu righ air righrean thairis—
Cha thill a spiorad.

'S theid e as an t-saoghal mar thainig
A dh' ionnsaidh 'n t-siorruidheachd o'n d'fhas e;
Lomaidh geur sgian-dubh a bhais e
Aig ceann a thurais,
Ged a chruinnaicheadh 's a charnadh
E a Chruitheachd.

'S gach ni a rinn e nach robh ciallach,
Eadar tigh'nn do 'n t-shaoghal 'us triall as;
'S gach ni a dh' fhag e gu'n a dheanamh
Do 'n bu choir dha,
Cha 'n fhaigh e ris' a chur air rian
An deigh nach beo e.

'S o nach 'eil aig mac an duin',
Ach cuairteag bheag do 'n t-shaoghal uile,
Cia'r son a bhiodh a la cho duilich,
'S is tric a tha e?
Cia'r son nach gaireadh e an diugh
Gun ghal a' maireach?

Cia'r son a tha 'n saoghal mar altair—
'S an cinne-dhaoin' an iobairt lasrach ?
Cia'r son a tha am bas dha 'altrum
An uchd beatha ?
'S cinnteach gum beil duais an tasgaidh
Tha 'n so an deth oirnn.


Mort Ghlinnecomhann.

Bha 'n sneachda geal Earraich a caitheadh feadh ghleann,
Agus fuar ghaoth a seideadh air sleibhte nam beann;
'S mar bha 'ghrian a dol fodha air Gleannacomhann nam buadh,
'S ann bha 'ghaillionn a g' eirigh 'an treundas mu 'n cuairt.

Ach na 'n dachaidhean beadrach cha robh eagal na smuain
Air muinntir a ghlinne ge b' e 'thigeadh a dh' fhuachd;
'S ged bha saighdearan dearga fo arm aig gach bord,
Bha an oidhche 'dol seachad ri caithream 's ri ceol.

'S ann an greadhnachas cairdeach ri abhachd 'us muirn,
Gun an duil gun robh namhad dhoibh 'tamh fo na chrun;
'S gach cridhe ri gairdeas mar ghaire nan eun
'Nuair thig Samhradh a dhannsa 'measg ghleann anns a Cheit.

Ach mun d' thainig a mhaduiun bu fhrasach fo dheoir,
Iomadh suil a chaidh 'chodal 'an aighear gu leor,
'S fuil chraobhach nan gaisgeach 's na neo-chiontach truagh,
Dha 'taomadh ri talamh fo fhasgadh 'n droch uair.

Gheibht' athair 'us mathair air am bas-leabaidh suaint,
Am piuthair 's am brathair air an lar 'us iad fuar;
Gheibht' an seanair 's am paisd' air an sathadh le cruaidh,
'S Gleannacomhann fo mhulad a tuireadh a shluaigh.

Clann Iain dha 'n sgapadh, gun cheartas gun choir,
Ann an doigh, tha e dearbhte, 'chur Alba fo sgleo;
'S gus an teirig na beannta 'tha mu 'n ghleann air gach taobh,
Bidh cuimhn' air an oidhch' ud an tir nan coilltean s' an fhraoich.


Prionns Tearlach ann an Gleannamoireasdain - 1746.

O ! ciod a thig a nise dh' iom-s'—
Cha robh mi riabh cho truagh dhe—
Fo na choille 's an dubh-shion,
'S air feadh nan sliabh air m' fhuadach;
Mar mhurtair na mar mhairleach mi,
'Us pris orm ri bhuannachd—
Nach bochd an status do mhac Righ
'Bhi 'm priosan fo Leac-Ruaridh !

'S goirid o'n a b' ard mo dhochas,
'S Gaidheil mhor mu 'n cuairt domh —
Camshroinich 'us Clann-an-Toisich,
'S Domhnullaich—na ghluais dhiu;
Agus Stiubhartaich na h-Apuinn,
'S Athollaich nam fuar lann;
'S Friseilich 'us Clainn-a-Bhraighe—¦
Do 'ni bu ghnath bhi buadhar.

O ! 'Chuilfhodhar nam beum torrach
'S rosadach do sgeula,
'S goirt a thachair dhuinn a mhaduinn
'Chuir sinn cath mu d' reidhlein;
'S e t'osag choimheach a chuir as
An solas geal a reult oirnn,
'S a thug Geamhradh air an t-Shamhradh
Leis an d' fheall ar n' eud sinn.

'S iomadh Gaidheal gaisgeil, og,
A dh' fhag thu leointe creuchdach,
'S an daorach air do chnuic 's do loin
Le fuil nan seoid 's be 'm beud e;
Cha teid as mo chuimhne 'm feasda
Gaoir 'us sgread nan treun-fhear,
A pogadh bais, 's gun treoir na 'n lamh,
'Us bruidean namh dha 'n ceusadh.

Ach na'n d' eirich, O ! na'n d' eirich
Leam gu leir na Gaidheil,
Cha chreid mi fein o neach fo'n ghrein
Gum biodh am beud cho taireil;
Ciod a dh' fhairich sibh 'Chlann Domhnuill,
Leam bu deoin sibh lamh rium,
'S a Shiol fhuilteach mhor Mhic Leoid,
Ciod e an sgleo a shar sibh?

Cha 'n fheuch mi tuilleadh, ged bu mhiann leam,
Ris a chrioch a chuir mi romham,
Tha ni-eigin na m' chridhe g' innseadh
Nach 'eil agam tiom na cothrom;
Ach 's iomadh atharrachadh mor,
Nach tuig na sloigh a tha 'ri diugh maireann,
A thig an lorg an latha dhorch' ud
Air tir bhoidheach, ghorm nam beanna'.

'S goirt mo dhusgadh as a bhruadar
'S an robh m' inntinn uaibhreach, toileach,
A dealbhachadh nan gloir's nam buaidhean .
A bha mi le uaill a coimhead
Mar mheas air preas, a g' iarraidh 'spionadh
An uair bu mhiann leam e bhi agam,
Agus dochas—dochas bhriagach—
Le beul-briaghe dha mo mhealladh.

Ach cha b' fhada 'mhair mo bhreislich
Thainig deireadh air mo phrois-sa
Mu 'n d' fhuair mi blasad air a mheas
A chuir mo chridh' fo theas le goraich;
Mar oidhche stormail, dhorch', air maduinn,
Gun mheadhon la' gun fheasgar boidheach,
Na mar roghadh cealgach Earraich
A fuar sgathadh blath nan og chrann.

Codal socrach chan fhaigh mi
Ged tha mo chridhe steidhte
Air an t-sheachd-n' ar a tha 'n lamh dhomh—
'S beag mo sgath gu 'n treig iad;
Cha chuir airgiod mor na pris
Aon fhear dhiu 'dh' innseadh sgeul orm—
Theid cuimhneachan air fir mo ghraidh
A mhan gu al nach d' eirich

'S cha 'n e lomnachd mo chluasaig,
Na am fuachd na m' chnaimhean,
A tha fo m' spiorad a cur gluasad
Ach trom bhuaireadh m' ardain;
O ! nach math do 'n duine bhochd
A nochd 'an codal siobhalt,
Seach a bhi na phrionns' gun fhortan—
Och, och, 's ann domh nach min e !

Nach truagh nach d' rugadh mi 'n Dalchreichard,
Na 'n Dundreggann lonach,
Ged nach biodh agam ach bothan
'Am bun badain boidheach—
Ann an duthaich ard nan Granndach,
Nan cas bheann 's nan cro-choill
Tir nan doire blath 's nan gleanntan,
Tir an t-Shamhraidh oirdhearc.

Bheirinn coileach leam dhe 'n t-Sliachd,
'Us piartag as an t-Sleibhich,
Iasg a Moireasdain, 'us fiadh
A Coire-Liath nan greighinn;
'Us dheanain buachailleachd 'air blar
Mar neach do chach mu 'n cuairt domh;
'S b' fhearra dhomh sin agam 's an t-shith,
Na bhi 'mo Righ 's 'am buaireadh.


Miann an Triuir Bhraithrean a bha 'n Coire-Dhodha.
Mar gum b'ann air a radha ru coimhearsnach leis an fhear bu deirionnaiche 'chaochail diu'

Cha 'n fhada 'charaide mo ghraidh
'S an teid mo charadh-s' anns an uir,
Tha mi fairghinn driuchd a bhais
A luidhe 'mhan orm gu dlu;
Tha 'n teambull thalmhaidh anns an tuiteam
Gus an duslach as an d' eirich,
'S mo shealladh air an t-shaogh'l do m' fhagail,
Mar an la' do 'n oidhche 'geilleadh.

Ach tha aon ni 'dheanain iarruidh
Mas a triall mi 'dh' ionnsuidh aoibhneis,
'S tha duil agam nach leig thu di-chuimhn'
Air a chur air rian le caoimhneas;
'S ged a tha e calg-dhireach
'An aghaidh cleachdaibh tirean Criosdail,
'S durachd cridh' am fradharc bais e,
'S faic am fabhar dhomh-sa deante—

'Nuair a thig an t' am nach beo mi
'S e mo mhiann 'dhol comhl' ri m' bhraithrean,
Ann an Clachan-Meircheard boidheach,
Far am beil na seoid 'an caradh;
Agus m' aghaidh mar tha iadsa,
Suas ri coire graidh ar n' oige—
Coire-Dhodha nan gorm-chnoc aluinn—
An coire cairdeach, blath-mhin, cosach.

Bu tric a shiubhail sinn an coire
'S gach gleann domhain tha mu 'n cuairt da,
An deigh nan laogh maol's nan gobhar,
'S a mheanbh-chruidh ghreannach, odhar, luatha;
Na 'r triuir 'an cuideachda 's a cheile,
Fuaight' an eud dhuinn fein 's da 'n aite,
Ris an robh ar cridheacha' ceangailt'
Mar an eidhionn ris an ard-chraobh.

'S an uair a ghaireadh oirnn an Samhradh,
Bu bhinn srann nan cro-choill flurach;
'S neoineanan ri grein a dannsa
Feadh nan gleann, 's gach crann a lubadh
Fo thrusgan barraich, bruchdach, fallain,
Du'-ghorm, bagant', torrach, cubhraidh;
'S na h-eoin bheaga 'seinn an leadain'
Feadh nam preasan 's mu na cul-chnuic.

'S cha 'n iarradh sinn an staid ud fhagail,
Mar a d' thigeadh bas a sgaoileadh
An trianaid aoibhneach a bha sinn
Anns a choire chairdeach, ghaolach;
'S o nach robh e 'n cursa naduir
Sinn a thamh gu brath ann maireann,
Runaich sinn bhi 'coimhead an aird' air,
As 'ur leaba' thamh 's a chlachan.

'S ma 's e 's gum bi ar n-anamaibh cuideachd
An taobh thall do 'n t-sruth neo-thalmhaidh,
Co aig tha fios nach d' thoir iad sgriob
A nall a ris' do 'n tir o 'n d' fhalbh iad ?
Nach robh ar n-aithrichibh fo 'n bheachd
'Bhi 'cluinntinn 'us a faicinn chairdean
Air sgeithibh neoil a tighinn air ais
Le fuaim, le caismeachd, agus taileasg?

Ach co-dhiu, bidh 'n Iar-ghaoth 'seideadh
Sios gu reidh oirnn as a choire,
Luchdaich te le ceol nan eun
Do bhruachaibh seisdeach, geugach, Dhodha;
Agus faileadh fallain cubhraidh
Na' mile flur, 's nan ur-phreas riomhach,
A miosgachadh mu fheur ar n-uaighean,
'S sinne 'm bruadar suainte sinte.

'S bheir Moireasdain le garbh-shruth fiadhaich
Seachad sios oirnn as a choire.
Storm a Gheamhraidh dhe na beannta',
'S as na gleannta' 'tha mu Dhodha;
'S freagraidh da thaobh na duthcha
Do na ghaoth o fhaor nam fuar-bheann,
'Clarsachd ceoil do mharbh 's do bheo
Air feadh nan cro-choill 'us nan cuairteag.


Cumha Leannanachd.*
Air fonn—"Crodh Chailein."

Ciamar bhios mi ach duilich,
Fo mhulad 's fo bhron,
'S mo chuid do 'n t-shaoghal dha 'chumadh
'An ciste chumhann nam bord ?
'S na 'm bu bheo e 's ann bhidhinn-s'
An dingh na m' bhean og,
Thall 'an duthaich Mhic-Phadruig—
Gleannan ard nam beann mor.

Tha mo chridh' air a sgaineadh
Le cradh nach gabh luaith,
Cha tig m' oigfhear an gaoth dhomh;
Cha dhruidh mo ghaoir air a shuain;
Ach 's leir ri fhaicinn air m' aghaidh,
Agus preasadh mo ghruaidh,
Gu 'n do lotadh le gaol mi,
S' nach bi mo shaoghal dhomh buan.

A Phadruig, a Phadruig,
'S ann duit bha 'n dan an droch am,
An uair a thainig thu thairis
Gu Fothir nan allt';
Cha b'e durachd do chairdean
A lean thu 'ghraidh do na ghleann,
'S bu ghoirt orm-sa gu 'n d' fhuaradh
Do chorp fuar 'am bun chrann.

Dh' fhag mo spiorad 's mo chail mi,
'S cha 'n 'eil abbachd dhomh ann,
'S ged a dh' fhaighinn an saoghal
Tha thusa 'ghaoil dhomh air chall;
Cha dirich mi tuilleadh
Ri mullach nam beann;
Chaill mi m' mhiann air a choille,
Gach doir' agus gleann.

'S ged 'thig samhradh blath, boidheach,
Le trusgan neoinean mu 'n cuairt,
Cha d' thoir e aighear leis dhomh-sa;
Cha 'n fhag mo bhron mi cho luath;
Cha sheinn cubhag dhomh oran
'S cha ghabh smeorach dhomh duan;
Cha 'n 'eil m' eibhneas air thalamh
O'n 'chaidh mo leannan 'thoirt bhuam.

'S ann 'bhios mi 'shabaid 's a sheachdain
A g' innseadh m' airsneal do n' ghaoith,
'An so 'a m' shineadh air glas-chnoc
Aig cladach Loch-Naois;
'S a coimhead a null air a ghleannan—
'S am beil 'an codal mo ghaol—
Gleannamoireasdain boidheach,
Is gairme cro-choill' 'us fraoch.

Tha mi fairghinn nach fhada,
'S am bi mi 'm luidhe 's an eug;
'S theid mo charadh fo 'n talamh
Air a chreagan so fein;
Agus m' aghaidh gu bratha
Ri gleann mo ghraidh agus m' eud,
Far am beil ann an tasgaidh
Mo mhiann 's mo thaitneas le 'cheil'.

'S bheir Loch-Naois nan garbh-thonnaibh
Sruth Mhoireasdain sios,
'S luinneag gaoil air gach boinne
Bho dhuthaich loinneil nan triath;
'S thig duilleach na coille
'S flur na doire le sgial,
Agus ceilearadh boidheach
A nall a cosan Chraig-Ian.

* Suggested by the Foyers Monument.

Am Bas.

Thug mi sgriob an raoir mar 's a'isd domh
Feadh nan lagan uaigneach, fasail,
An duil gu'n tigeadh samhl' na taileasg
'Na mo rathad,
Bha m' iarraidh o chionn iomadh la'
A leait rium tachairt.

'S ged a shiubhail mi gach glaiceag,
'S 'am bu choltach dhomh tigh'nn tarsuinn
Air uamhasan gun fheoil, gun chraicionn,
Gun sta comhdaich,
Cha chuala mi droch fhuaim 's chan fhaca
'Mi dad chur sgleo orm.

Ach a tighinn seach clagh na sgire,
Leum mi thairis air an dioge,
'S shuidh mi air clach-uaigh 'bha sinte
Ris an talamh;
Gun smuain co-dhiu bu bheisd na firean
'Bha foidhe 'n codal.

Cha 'n 'eil 'an cainnt na dh' innseadh fasachd
'S falamhachd 'us fuachd an ait' ud;
Cha mhor nach cluinninn feoil 'us cnaimhean.
A dol gu duslach—
Bochd 'us beairteach 'us grod-chlaraibh
Gu leir cuideachd.

Smuainich mi na 'm b' urra' pairt diu'
Gearan air cuid eile lamh riu,
Nach biodh 's na h-uaighean ach droch chairdeas.
Mar tha air thalamh—
Neach an aghaidh neach, 'us caineadh,
'Us fuath 'us malachd.

'Us smuainich mi na 'm b' urrainn aon fhear
Le cumhachd mhor mar anns an t' shaoghal,
A chorp 's a chraicionn bochd a shaoradh
O na chnoimheag,
Nach beanadh dha gu siorruidh daolag
Na maoin ghrodaidh.

Chuireadh e gu 'nabaidh suarrach,
Air nach deacha ciste luaithe,
Gach cnamh 'us caitheadh as, na'n d'fhuair e.
'Mhiann 's a chothrom,
Ach 's tric gur esa 's lugha uailse,
'S is fuathaich' boladh.

Mar so mo bheachdan 'n uair a thainig
Fuar ghaoth eadar m' fheoil 's mo chnaimhean;
Dh' eirich m' fhalt na 'sheasamh 'n' airde,
'S dh' fhailing m' anail;
'S chaill mi faireachadh mo mhasan,
'S neart mo chasan.

Suil do 'n thug mi air mo chulthaobh
Chunna' mi 'tighinn ball do m' ionnsuidh
An samhla grannda, fada, ruisgte,
Do 'n ainm an t' aog;
'S cha 'n fhaighinn aig an am smid bhruidhne
Airson an t-shaogh'il.

Cha 'n fhaca mi ri m' bheatha sealladh
Bu lugha baigh na bha air aghaidh,
Speal 'na 'laimh 'us gaire choireach
Mu 'bheul a gluasad,
'S ceann an uamhais ghrainnde 'toinneamh
Air a ghuaillean.

Bha 'ghaoth a feadaireachd mu 'chnaimhean,
Mar gum b' e 'sheachnadh a b' fhearr le;
Is e a tighinn a nall le cairdeas
Far an robh mi,
A g' iarraidh faighinn suidhe lamh rium,
Air a chloiche.

" Na gabh eagal ors' an t' uamhas,
Cha chuir mis' ort dragh na tuairgne;
Ach tha mi coma bho na fhuair mi
'Nise greim ort,
Ged a bheireadh sinn car uair
'An cainnt a cheile.

"Cha d' thoir mi do neach talmhaidh sgeula
Air na dh' fhag mi as mo dheigh,
'S an aite dhorcha gus an teid mi
'M beagan uine;
'Tha 'ni sin romh gach neach e fein
Ri thighinn dlu dha.

" Ach bheirinn comhairle do mhoran
Am beatha chaitheadh mar bu choir doibh,
Gliocas 'chur 'an aite goraich'
'S gach doigh 's an lamh iad;
Cha deacha' riabh do dh' aon neach ordachd
Ach aon bheatha.

" 'S iomadh ni a chunna mi
O'n thainig mi an tos air tir,
'S na'm biodh agam buige cridh'
Ba bheag mo sholas;
Ach cha tig e dhomh-sa 'bhi
Do nadur teo-chri'ch.

" Cha 'n ioghnadh ged nach toil le sluagh mi,
'S tric a dh' fhag mi dachaidh gruamach;
A' measg nan iosal 'us nan uasal
'S e mo dhriachd-sa,
Air an talamh 's air a chuan,
A bhi dha 'n iarruidh.

" Theid mi eadar athair 's mathair,
Theid mi eadar piuthair 's brathair,
Cuiridh mi sgaoileadh ann an cairdeas
'N uair is treas e,
Fagaidh mi dubh, dorcha, fardaich,
'S ann am breislich.

" 'S an uair a bhios an t' oigfhear aoibhneach
Ann an gaol 's 'an gradh a mhaighdinn'
Feadh nan cnocan beag 's nan coilltean
A tional dhithean,
Bheir mi 'neach dhiu' leam gun fhoighneachd
A' ne 'n tiom-s' e.

"Cha b' ann aon uair air stol-posaidh
'Chaidh mi eadar fear 'us oighe,
'S a dh' fhag mi cridhe dilis bronach
Re a latha;
'S cha chum airgiod mi na or
Dhe ceum mo rathaid.

" 'S an uair nach cuireadh ni air thalamh
Eadar mathair 'us a leanabh,
Bheir mise bhuaith' e ann a' meanaid
'N uair is deoin leam;
'S cha 'n eisd mi ri a glaodh na 'gal-ghuth,
'S cha ruig a deoir mi.

" 'S thig mi uairean air an t' shal
Air fear 's a chridhe 'm bean a ghraidh,
'S cuiridh mi air an sid mo lamh.
Gun fiu 'n cothrom
A thoirt dha a bheannachd fhagail
Aig na 's toil leis.

" Is caraid dilis mi do 'n truaghan
A tha gu siorraidh air a chuairteach'd
Le bochdainean, 's nach fhaigh air uairean
Na chumas anam
Agus corp ri 'cheile fuaighte
Ach a dh' aindeoin.

''Ach an daoi, ged bhiodh a shaoghal
Gu leir na 'dheanadh slaint' 'us maoin e,
Cha mhor nach truasaich mis' ri 'chraosail
Fo sgait mo bhinn-sa;
O! staid a chridh' 's an am na 'm faoduinn-s'
A leait sin innseadh."

" Eirigh gniomharan a bheatha
Mar spioraid ifrinneach 'thoirt breth air,
'Us slatan peanasaichidh teth
'Na 'n lamhan caola;
'Us geur Fhein-dhiteadh 'cuir air leth
Diol-dhleasd' gach aon diu'."

"'Se mo ghnothuch-sa 'bhi 'buain
Na chuireas Dia air talamh 's cuan;
'S ann agam-s' a bha 's a bhios sluagh
An uile dhomhain;
'S cha deacha moran fhathasd bhuam
Dhe 'n chuir mi romham.

" Cuiridh mi comain uair 'us uair
Co dhiu air feadhainn bhochda, thruagh,
'N uair a bheir mi leam fear cruaidh
Nach bi ri ceartas,
'S a sgaoileas mi air feadh an t' sluaigh
A chuid ri 'sgapadh;

" 'S uairean eil' air paidhir phosda
Nach bi 'tarrainn mar is coir doibh,
'N uair a bhios an cridheacha' leointe
'N taic' a cheile,
Bheir mi neach is fhearr dhiu 'chomhnuidh
Fo mo sgeithe.

" Cha 'n 'eil fhios 'm fhin an reusan,
Ach 's mi crioch a Chruime-Che mi—
'S bidh mi na mo mhortair dreunach
Air gach beatha;
Mar a bha, a tha, 's a dh fheumas
A bhith air talamh.

" Ach beannachd leatsa 'n drasd' a sheoid,
Tha mise cabhagach an comhnuidh;
Feumaidh mi bhi falbh air toir
Mo ghnothuch 's m' ionndrainn;
Ach thig mi fhathasd 'na do choir-sa,
'S bheir mi leam thu."


An Guthan Beag.

Thoir leam gu 'm faca mi 'm bruadar
Gu 'n robh mi air chuairt ann am fasach;
Leam fhin air rathadan cuagach,
'S mo sholus gu luath do m' fhagail.

Thog mi mo shuil ris na neamhan,
Thionndain mi 'null 's a nall;
Dh' eigh mi gu h-ard, " Cait am beil mi?'
'S thubhairt guthan beag rium—" Air chall."

" 'M bheil mise na m' dhuine le anam,
Gun cheum, gun rathad, gun reult?
" Tha thusa na d' dhuine le anam
Is truaighe na 's aithne dhuit fein."

" Nach 'eil agam comas 'us cumhachd?
Nach bruidhinn 's nach tuig mi cainnt?"
" Na cuir uaill a dhuin' a' do chumhachd,.
'S cha'n fhiach dhuit 'bhi bruidhinn mu d' chainnt."

" Nach glac mi a ghaoth anns an adhar?
Nach siubhail mi talamh 'us cuan?"
" Ach cuine 'dheanadh tu gaoth na adhar?
Cuine dheanadh tu talamh na cuan?"

" Nach cuir mi mu 'n cuairt do 'n t-shaoghal
Is luaithe na 'ghaoth mo smuain?''
" Tha 'ni sin farasda, saor dhuit—
Ach cuine dheanadh tu saoghal na smuain?"

" Nach d' thoir mi a bu 'ailtibh 'n talmhainn,
Or agus airgiod gu 'm fheum?"
" Cha 'n 'eil agad ach iosad neo-earbsach,
"N cumadh tusa na talmhainn ri cheil'?"

" 'S nach d' thoir mi a ri'sd as an talamh
Tein' agus solus gu 'm thoil?"
" 'S ann tha d' theine 's do sholus 's na neamhan,
Cha 'n fhearr an talamh na spor."

" Nach treogh mi ? nach cuir mi ? 's nach buain mi?
Nach 'eil agam buaidhean 'us cothrom?"
" Cha bheothaich thu 'n grainean 's cha ghluais thu,
A bhliadhna mu 'n cuairt mar bu toil leat."

" Nach do leugh mi eachdraidh nan creigean?
'S nach d' rinn mi creidimh dhomh fein?"
" Cha do chuir thu 's a cheile na creigean,
'S cha'n 'eil na do chreidimh-s' ach sgeul'."


Aithreachas Posaidh.
Air fonn—"Fiunairidh."

Cha b' ann le toil mo chairdean gaoil,
A leig mi riamh thu ri mo thaobh;
'S is iomadh uair a phaigh mi daor
Air meud mo chaoich 'nuair ghabh mi thu,

Oichan, obhan, agus O !
Obhan, oichan, agus O !
Oichan, horo, 's na ho-rionn O !
Gur trom an leon an t-aithreachas.

Dh' inns iad uileadh dhomh-sa trath
Nach robh annad-s' ach an traill;
Ach thug mi dhuit mo chridh' 's mo lamh-
Bha sid an dan domh 's thachair e.

Cha b' e t-aghaidh phreasach, fhuar,
Na do nadur choirbte, chruaidh,
A thug mise 'thaobh cho luath,
Ach oige 's bruadar amaideach.

Tha do phaisdean air mo ghlun
'S cha mhor nach b'fhearr leam e 's an uir;.
Tha neul a bhais mu thrath na 'ghnuis,
'S cha dhuisg e 'shuil a cadal dhomh.

Sinn an so le 'cheile truagh
A fulang acras agus fuachd;
'S tusa 'cur 'an sruth na cuaich
Na chumadh suas an dachaidh dhuinn.

Cha b' e sin do ghealladh dhomh-s',
An uair a thug thu leat mi posd';
Ach 's mairg a chreideadh eud na h-oig,
'S nach 'eil ach sgleo neo-mhaireannach.


Posadh na h-Oige 's na h-Aois.
Air Seann Fhonn.

Cha b' ann le m' dheoin a phos mi riamh
Fear liath nan iomadh cuine,
B' fhearr leam agam fhin mo shaorsa
'N diugh na saoghal dubailt'.

Dh' fhalbh mi le na luban laghach,
Dh' fhalbh mi le na luban;
Na luban, na luban laghach,
Bu roghainn leam na luban.

Ged 'tha pailteas chrodh 'us chaoraich,
'S fearann saor mu 'n cuairt domh,
B' fhearr leam Tearlach og ri m' thaobh
Na h-uile maoin a fhuar mi.

'Nuair a chuimhnichneas mi 'n drasda
Mar a bha mi's m' oigfhear,
Cha bheag an t-eallach orm, 's an cradh,
Nach eil mo ghradh rium posda.

Na 'm b' e 'cheum a bhiodh na m' chluais,
A dol mu 'n cuairt do 'n fhardaich,
B' eibhinn, aighearrach, mo dhuan,
Ged 'bhithinn truagh le m' chairdean.

Na 'm b'e meal-shuilean mo ghaoil
A bhiodh a taomadh graidh orm,
'S mi nach cumadh grian na gaoth
O 'bhi a chaoidh 'na lathair.

'S na 'm b'e bilean tana, boidheach
Gaidheal og mo runachd
A bhiodh am oidhche dha mo plogadh,
Leam bu deoin bhi dlu ris.

Ach 's beag mo chail-sa dha bhi beo,
'S e 'dhol fo 'n fhod bu mhiann leam,
O nach fhaod mi 'dhol 'an coir
An fhleasgaich oig a dh' iarr mi.


Failte Phadruig Grannda do Gleannamoireasdain, 1881.

'S i an naigheachd so 'fhuair
Mi air mochthra Dhiluain a mhan,
A thog m' inntinn o ghruaim,
'S a chuir m' aire 's an uair-s' ri dan—
Maighistir Padraig nam buadh
A bhi 'fuireach air chuairt gu h-ard,
'An Gleannmoireasdain shuas,
Far 'm bu dligheach da 'shluagh 'bhi 'tamh.

A leoghainn mhisneachail, ghairg,
Tha gu cumaira, dealbhach, treun;
'S e do bheatha gu dearbh
Gu duthaich do gharbh-bheann fein;
'S tha deadh fhios gum bi thu
Na d' chaisteal, na d' thur, 's na d' steidh,
A cumail taice ri d' shluagh
Anns gach glais agus cruaidh-chas geur.

Tha thu macanta, suairc',
Caoimhneil, tairis, ciuin, stuama, reidh;
'S mor 'tha 'thapadh riut fuaight',
Agus sgairteachd 'us cruas da reir;
'S a ghreis a bha thu dhe d' thiom
A mach anns na h-Innsean cein,
'S tric a choisinn thu buaidh,
'S a chuir thu air sluagh ratreud.

'N uair a rainig thu shuas
Bu bhinn aighear an t-sluaigh 's gach cearn
'S iad a' tighinn gu luath
Ann ad choinneamh le uaill 'us gradh,
A dh' fhaotainn seallaidh car uair
Dhe gach onair 'us buaidh tha 'thamh
Na d' aghaidh fhlathasacb, choir,
Chaomh, leac-ruiteach, rosach, lan.

'S grinn a chaitheas tu d' uin'
Fhad 's a bhios tu 'an cuirt nan sleibh—
Greis a g' iasgach air burn
'S greis a g' iadhadh mu chul an fheidh;
Greis a siubhal mu 'n cuairt
A coimhead an t-sluaigh na 'm feum,
'S greis a g' eisdeachd ri ceol
'An Ruith Mhaothaidh nan cos 's nan geug.


Gleannamoireasdain a' measg a Shluaigh.
Oran, mar gum b' ann le Mactalla Chraig-Eun.
Air fonn—" Tigh Mor Choire-Mhonaidh."

Leam-sa 's aighearach na m' chluais
An diugh an fhuaim 'tha uras ud,
Leum mo chridhe 'nuair a chuala mi
Sgal chruaidh nan ribheidean,
A seinn air Caisdeal mor Mhic Phadruig,
Far am b' abh'st do 'n chluith a bhi,
Mun d' fhalbh Fionnladh coir 's na suinn
A gheibhte cruinn ann cuide ris.

Ach 's e Seumas og 's a cheil'
'S an tuath fein 'bhi cuideachd ann,
A ghluais cridheachan gu leir,
Gu aighear, seisd, 'us subhachas;
Mar thus an t-shamhraidh 'measg nan craobh,
An diugh tha aoidh a churaidh ud,
Air ceann a shluaigh 'an dachaidh 'shinnsridh—
Luchd nam pios 's nam buidealan.

Bha fadachd ormsa iomadh la
'S am faicinn al na teaghlaich ud,
A lorgachadh mu 'n Chaisdeal ard,
'S am faighte 'n grahh 's an greadhnachas;
Cha b' ionnan 's coigrich nan geur tair—
Mac Phadraig a bhi teann oirnn,
'S e 'sheorsa 'sheasadh sinn 'an cas,
'S a reachadh dan 'an geall oirnn.

Ach a Sheumais oig, mo ruin,
Rinn mise surd da rireadh riut,
'S fhada, 's fhada 'bha mo dhuil riut
Air an tur 'tha dilis dhuit;
'S 'siomadh ni 'tha na mo chuimhne
'Dheanain luim air innseadh dhuit,
A chuireadh prois ort ri do bheo
A gniomharaibh mor do shinnsreadh.

'S fhad' o 'n thainig deagh Iain Mor,
An tus a choir a ghlinne so,
B' e 'cheud chraobh e ann an garadh
A thug barr air iomadh te;
'S Iain-a-Chreagain, fear mo ghraidh,
'S na Padruigean a bhuineadh dhuit—
Tha 'n ainm gu leor gus na tha beo
A dheanamh proseil uileadh asd'.

Tha gach ni mu 'n deidhinn sgriobht'
Air cridheachaibh dilis, treibhdhireach,
'S fhad' 's a sheideas gaoth feadh ghlinn,
Bidh cuimhn' air suinn an eireachdais—
Granndaich ainmeil, daoine calma,
Leis nach d' fhalbh an leibeideas,
'S a dheanadh cairdeas ri gach aon—
'S e sliochd nan laoich nach beag oirnn.

An diugh tha 'n Caisdeal leamsa ri'sd,
Mar bha e 'n tiom nan seanairean—
Ceol na pioba 's fuaim nam pios
Ri clarsachd bhinn feadh 'bhallaichean;
'S Seumas og 's a cheile choir,
Mar reultan oirdearc, geal-mhaiseach,
A gathadh aoidheachd air gach taobh,
'S a deanamh dhaoine aighearach.


Mar Chuimhneachan air Tighearna Ghrannd—1881.
Air fonn—" Sochdair Dhanachd na h-Alba."

Ciamar bhios sinn ach craiteach
Fo mhulad, fo chradhlot, 's fo bhron,
'S a naigheachd so 'thainig
Oirnn a Cuilean, an t-Ard-thalla mor?—
Gu'n do chaochail an Gaidheal
Tighearna Ghrannda, do 'm b'abhaist 'bhi coir,
Mu'n robh e ach eigneach
Aig airde a threundais 's a threoir.

Thriall an t-urramach uasal,
'S dh'fhag e sinne ga truagh as a dheigh,
Ri cumha 's ri cruaidh-ghlaodh,
A caoidh gu'n do bhuadhaieh an t-Eug;
'S gu'n d'thug e air falbh 'uainn,
A' neach bu mhath leinn gu dearbh againn fein,
Gu 'bhi 'caitheadh 'na'r fabhar,
A thuigse, a chairdeas, 's a cheill.

Dh'fhag e 'bhantighearna bronach,
'S a mhac, an t-iarl' og, air a lot,
'S dh'fhag e iomadh bun griasaich
Gu tur air a lionadh le sprochd;
Dh'fhagadh iomadh neach tursach,
Air am b'a'isd da 'bhi suileach mar bhochd,
An uair a thugadh air falbh 'uainn
An curaidh curanta, calma, gun lochd.

Ach co a stadas an gairdean
A bheir leis a ni 's steidhichte 'th 'ann,
Na co a chumas air ais e,
'Nuair a thig e le brasfhios a thall ?
Cha chum onair na morachd,
Cha chum ailleas, na coir air gach gleann,
Aon air bith dhe 'n a cheum ud;
Tha sinn uile' gu leir 'tighinn gu ceann.

Mar Cheann-cinnidh nan Granndach,
'S tric a bha e 'an cainnt aig na baird,
'S bha a ghniomhara ainmeil
Aig gach aon do na seanachaidh ri 'la;
'S bha a chairdeas da 'thuath fein
Gu tric air a luaidh anns gach ait—
'S mar bha 'mhaitheas 's a chaoimhneas
Do gach aon diu' a baoisgeadh a ghnath.

B'esan caraid nan Gaidheal,
A sheasadh iad laidir 's gach ni;
'S deagh charaid na Gailig,
'S nan coinneamh 'tha fabharach dhi;
'S tric a chuir e air ghluasad
Nithe feumail do shluagh a mhor thir,
'S cha'n fhacas riamh e ri eigneach
Gu'n laimh dheiseil na deirc' aige sint'.

Bha a thalannta lionmhor,
'S cha'n urra' mi 'n trian chur 'an ceill;
Ni mo a's urra' mi 'ghniomhara'
A thoirt fainear ann an rian le a' meud.
Bheir mi 'chuis mar sin thairis,
O'n 'tha fhios gu ro mhath agam fein
Nach teid am feasd as ar cuimhne
Na laraich a rinn e 'n ar 'n eud.


Na Laithibh 'Dh'Fhalbh.

Bha cridheachabh dhaoine 'reir an aoidh
Anns na laithibh 'dh' fhalbh,
Cha robh ceilg air cul gach caoin
Anns na laithibh 'dh' fhalbh;
Chluinnte 'n fhirinn uair na uair,
Gheibhte caoimhneas mar bu dual,
Agus gradh a' measg an t-sluaigh
Anns na laithibh 'dh' fhalbh.

Ged bha tioman duilich, cruaidh,
Anns na laithibh 'dh' fhalbh,
Cha robh neach do neach 'am fuath,
Anns na laithibh 'dh' fhalbh;
Bha aca faireachadh do 'cheil'
Ann an trioblaid 's ann an eis;
Ghuileadh cridheachabh 's shileadh deuir,
Anns na laithibh 'dh' fhalbh.

Cha b'ann a g'itheadh 'cheile suas—
Anns na laithibh 'dh' fhalbh,
Mar eisg na fairge 'bhiodh an sluagh
Anns na laithibh 'dh' fhalbh;
Cha robh 'n darna neach a tamh,
'S am biodh a bhrathair air a shail,
Gu am a ghabhail air a chas,
Anns na laithibh 'dh' fhalbh.

Gheibhte bean gu farasd' fior,
Anns na laithibh 'dh' fhalbh,
Cha robh a cridh' cho saor ri sgial,
Anns na laithibh 'dh' fhalbh;
Reachadh i a reir a h-eud,
'S sheasadh i a duine fein,
Gu direach daingeann, dilis, treun,
Anns na laithibh 'dh' fhalbh.

Bha gaol siorruidh aig na daoin',
Anns na laithibh 'dh' fhalbh,
Do 'n cuid cloinne 's do 'n cuid mnaoi,
Anns na laithibh 'dh' fhalbh;
An ardach bha 'na teambull naomh,
'S gach cridhe ri dleasdanas as a taobh,
A g' iobairt suas gu leir mar aon,
Anns na laithibh 'dh' fhalbh.

Cha b' e airgiod a bu Dia,
Anns na laithibh 'dh' fhalbh,
Ach ard phearsa mor na Triath,
Anns na laithibh 'dh' fhalbh;
Cha robh cogaisean cho saor,
Na co-fhulangeas cho maol;
Cha b' e pocaid neach a shaogh'l
Anns na laithibh 'dh' fhalbh.


Do na h-Uaislean a bh' aig Dinneir Communn Gaelig, Inbhirnis, 1882.

So i slainte nan Gaidheal—
Na 'n sonn blath-chridheach, fialaidh,
Guidheam sonas 'us taitneas
Do gach neach dhiubh gu siorraidh,
Guidheam ailleas-'us paillteas,
Guidheam tlachd agus rian dhoibh,
Airson an onair a tha iad
'Cur air a Ghaelig gach bliadhna.

'S a Ghaidheal do 'm b'abhaist
Anns gach blar a bhi buadhach,
Na leigibh fodha a Ghaelig,
Gu brath cumaibh suas i;
'S biodh mar chuimhneachan agaibh
Air 'ur n' aithrichean uasal,
An canan a bh'aca
Ri taice a chruadail.

Biodh a chainnt anns an d'eigheadh
Buaidh air Caesar na Roimhe,
'S cis air saighdearan Shasuinn,
Ann an glaic gach cridhe 'chomhnuidh;.
A chainnt is cairdiche dhuinne,
A chainnt is sine 's is ceolmhor,
A chainnt eireachdail, chiuin-bhog,
Bu choir ionnsachadh og dhuinn.

Ma bheir mi suil ann an Eachdraidh
Greis air ais ann am bliadhnaibh,
Gheibh mi spiorad na cainnt so
Cruaidh shnaimt' anns na briathraibh;
'S a cur fallaineachd neonach
Anns gach seorsa do sgriobhadh,
Nach 'eil an cainnt 'th'air an talamh,
Ged a rachamaid sios orr'.

'S cainnt fhreagarrach, thaitneach,
Ro bhlasdmhor a Ghaelig;
'S cainnt mhin-bhog, ro-mhaiseach,
'S cainnt thais agus bhlath i;
'S cainnt chothromach, thlusmhor,
Fior uchd-liontach, chairdeach,
A chainnt bhrisg-ghlorach bheairteach,
A bhios ac' ann am Parras.

Tha mo chridhe a taomhadh
Le gaol tha gun chrioch dhi,
'S e mo mhiann ,us mo thoil-sa
A bhi ga moladh gu siorraidh;
Ach tha mo chridhe a g'aomadh,
Cha 'n ann le aois, ach le pianadh,
O'n a dh' fheumas mi innseadh
Gum beil i rireadh ro iosal.


Do na h-Uaislean a Shuidh aig Dinneir Comunn Gaelig Inbhirnis, 1886.

So i slainte na'm fior Ghaidheal,
Chridheil, phairteach, chairdeach, fhialaidh,
Na laoich 'tha cumail suas na Gaelig
Anns an aite so gach bliadhna;
Guidheam sonas dhoibh 'us abhachd,
Muirn 'us manran gus an crioch iad,
Airson an duinealas do n' chanan
'Bh'aig na parantan o 'n' shiol sinn.

'S fhiach a Ghaelig ar deagh chanan,
Gach ni is ailidh' 'chur 'na h-aobhar,
Oir tha i maiseach, tlachdmhor, aluinn,
Gun mheang, gun bhearn' innt' ri 'leughadh;
Gun chron, gun chioram, gun fhailing,
Comhliont' grasmhor, fasor, gleusda,
Brisg-ghlorach, neo-liodach, laidir,
Sultmhor, lan, gun chas, gun deibhinn.

Mu'n robh Albainn ach 'na 'paisde
'S ann an Gaelig a chaidh 'h-eideadh,
'S innsidh eachdraidh mar a dh'fhas i
Gu 'bhi aluinn a' measg cheudan;
'S gu bhi ann an tiom 'na 'mathair
Do na h-armuinn a bha treunda.,
Choisneadh buaidh le cruas an lamhan
Ann's gach aite 's am biodh feum doibh.

'S cia lion rioghachd fo na ghrein
'S am beil an ceumanaibh ri 'm faotuinn !
Linn 'us linn duibh mar bha g' eiridh—
'S a bha 'feuchainn an cuid daoine;
Le 'n lannan geura, guineach, reubach,
'Bualadh bheumaibh air gach taobh dhiubh
'Chumail ceartais suas le eibheachd
'S a chur eucair as an t-shaoghal.

'S cia lion buaireadh agus cruadal
Troimh 'n do ghluais na cruaidh-fhir mhora,
Mu'n do shaor iad Tir na'm Buadh,
O ardan agus uaill luchd foirneairt !
'S cia lion baiteal fuilteach, creuchdach,
Ann an guaillaibh 'cheile comhla,
'Sheas na fearaibh troma, treubhach,
Riamh an aobhar Dhe 's na corach !

'S buaidh na Gaelig riamh cha d'fhag iad—
Gradh nadurrach do 'cheile—
Buan chairdeas, daingean, laidir,
Do 'n sior' bhraithreachadh 's gach eiginn;
Mar ghrian gach la dhoibh orra 'dearsadh,
'S le caoin bhlaths a g'arach treundais,
Do'n gnath neartachadh 's gach cas,
'S do'n toir gu sabhailt' as gach deuchainn.


Do Dhochas.

A dhocais, a bhanacharaid ghaoil,
O ! fuirich ri m' thaobh 's mi trom;
Na fag mi 'n so 'm luidhe fo chlaoidh,
Gun chomas air faotainn bonn.

O ! sin a mach dhomh do lamh,
'Us cabhair mi 'n airde ri'sd;
Tha mo diridh' agus m' anam a' 'n ait'—
'S mor m' fheagal nach caraich mi.

O ! seid orm anail do bheul,
Cuir beatha 'na m' chre 's mi fann;
O ! bean do mo shuilean le d' mheur,
Cuir neart na mo cheum mar bh'ann.

Cait' an deacha mo spiorad 'us m' fheinn ?
An d' fhalbh iad gu leir 's gu tur ?
O ! cluinneam-sa facal bhuat fein—
'S e 'thiormaicheadh deuir mo ghuil.

Ged is faoin bhriadhran bruadair do chainnt
Tha do ghealladh mar lamb do m' cheum;
Ged nach 'eil ach a sgaile na d' laimh
Bu tric a dh' fhuasgail i teanndachd gheur.

Bu tric a shoillearaich dealradh do ghnuis
Na neoil dhubhorra, dhuinte, ghrannd';
Mar a ghrian a caitheadh gu 'chul
An ceo a luidheas air stuic nan aird.

Bu tric a thug thu dhomh iasad air agh,
'N uair a bha mi fo chradh-lot goirt;
Bu tric a nuadhaich thu m' anam le blaths,
'S e fo fhuarachd a bhais 'na m' chorp.

O ! thig, O ! aingeil le d' ghair',
Sgaoil an dorchodas grannda so bhuam;
Cum suidhichte m' inntinn an drasd',
'S iomadh ni dha mo chradh gu cruaidh.

Tha mi 'n crochadh air gealladh do bheuil,
Mar neach bhiodh air sgeir 'an craig—
A chailleadh a bheatha le 'ghreim,—
Gabh truas a bhann-De ri m' staid.

Olam beatha as ur a' do chioch,
'S glacamaid rian o d' chainnt;
Mar mhathair a paisdean crion
Gabh mi 'bhann-Dia air laimh.


Oran Mulaid.
Air seann fhonn.

"'S truagh nach robh agam caraid
A dheanadh farraid mu 'm dheidhinn,
Air faillirinn, illirinn, e-ho-ro, illirinn
Uillirinn, illirinn, eile.

'S mi gu goirt air mo thabhunn,
'S annam saighead nach treig mi.

Tha mo chridhe mar an guaillean,
'S tha mo ghruaidh mar an eiteag.

Cha bhruadar 's cha smuaintean;
Cha chruaidh-chas 's cha dheuchainn,

Ach trom mhulad a leon mi,
Air dhoigh nach gabh leirsinn.

S' truagh nach robh mi da rireadh
Ceudan mile bho m' eudail.

'S bochd 'bhi tachairt a ghaoil ort,
'S nach fhaod mi 'bhi reidh riut.

'S nach fhaigh mi fiu pog bhuat,
'S m' fhuil beo le trom end dhiut.

Cha mhor nach iarruinn mo shuilean
A dhunadh gu leir orm.

'S mo chuimhne 'dhol thairis
Ann an cadal 's gun eiridh.

Bu tric a shaoil mi O ! leannain
Gu 'm biodh tu agam mar cheile.

Ach thug an saogh'l a ghaoil 'uam thu,
'S dh' fhagadh truagh mi an deidh ort.


Cumha na h-Ighnaig.
Air seann fhonn.

Cha 'n 'eil m' ardach dhomh ach falamh,
'S nach d' thig m' fhearaibh 'nochd na m' choir.
E-ho-ri-o-raill, o !
Hi-ri-ri-o-raill-o !
E-ho-ri-o-raill-o.

'S fhada 'bhios 'na m' chuimhne n' osag,
'Dh' fhag cho goirt mo chridhe og.

A chuir m' athair 'us mo bhraithean
Anns an t-shal 'us mis' 'am bron.

'S gun iad sinte ri mo mhathair,
Far am b' fhearr leam iad ach beo.

Cha 'n ioghnadh mi 'bhi trom, neo-shunndach,
Agus ionndrainn orm cho mor.

Tha mo lios a nis' gun mhiosan,
'S tha mo phris gun orra cno.

Tha mo ghrian an deigh aomadh,
'S tha mo shaoghal ann an ceo.

Tha 'n crodh 'geumnaich air na raointean,
'S mis' gan daoine 'theid na 'n coir.


Focail Ghailig do 'n Fhonn " Under the Willow."

Fo dhubhar na' meangan fo 'n uir 's a chill,
Dh' fhag mi m' fhear min-gheal 'na luidhe;
'S ged reachuinn do 'ionnsuidh cha chluinn e mi,
Tha m' eudail aig sith 'na chadal.

Dh' fhag, dh' fhag mi m' oigfhear graidh
An garadh na' marbh 's e 'na chadal—
Dh' fhag, dh' fhag mi m' ghaol fo 'n fhal,
'S cha tig e gu brath do 'm fharraid.

'S ged dheireas a ghrian air an og-mhios bhlath,
'Toirt slaint' agus fas air an fhluur;
Cha teid thusa leam-sa a ghaoil mar b' a'isd—
A chaitheadh an la feadh nan lusan.

'S ged 'sheinneas am fheasgar a mhin-ghaoth chiuin,
Cha chluinn thu a ruin a guth milis;
Na ceol nan eun beaga feadh ghorm-phreas dlu,
Far 'm bu tric a bha thu 'us mise.


Do 'n t-Shiataig.
Air fonn—" Air faillirinn, &c."

Mile molachd gu siorraidh
Thair gach ni air an t-shiataig;
Si a chrup mi 's a chrion mi,
'S a phian mi le cradh.

Oich, O ! rionnan-hou,
Hithill-ou-gu-bha—
Oich, O ! rionnan-hou—
Hithill-o 's na-ho-rou—
Oich, O ! rionnan-hou—
Hithill-ou-gu-bha.

Dha mo namhad cha 'n iarainn
Ni bu mhiosa na mios dhi;
Ach chuala mi riabh
Gu 'n robh an diabh'll innte—'s tha..

'S ann mu thoiseach na Marta
'Ghabh i greim dhe mo chnaimhean;.
'S mar a biodh iad laidir
'S ann a sgaineadh i iad.

Mar gum bithte dha 'm phronnadh
Na bu mhine na connadh;
'S mo smear-chaillich dha 'tolladh
Le obair na plaigh'.

Chaill mo shailean an craicionn,
'S tha mo mhasan mar leacan;
'S mo ghuaillean air pleatadh,
'S sgios na leaba dha m' chradh.

Tha mo chasan gun fheum dhomh,
'S mo lamhan gun eibheachd;
'S cha chuireadh na h-eibhlean
Air an seideadh orm blaths.

Cha 'n fhaod mi blasad air drama,
Ged a ruigeadh e m' anam—
Ni ach stuthannaibh sleamhuinn,
Slaodach, slamhanach, grannd'.

Agus Doctair ga m' bhiathadh
Le deochanaibh fiadhaich—
Theirig eadar mi, 'Dhia,
S a bhi cho iosal gu brath.


Apologia pro Aqua-Vitae.

Latha flichneach, feadrach, fuar,
A bha mi 'mach a' measg an t-sluaigh,
Co 'thachair orm 'an cuileag uaigneach,
'N am tigh'nn dachaidh,
Ach fear mo ghraidh—an sar dhuin'-uasal—
Mac-na-Bracha.

Chuir e beatha 's blaths na m' anam
A thig'nn 's an am an coir mo charaid;
'S mu 'n ceart a rinn e m' lamh a chrathadh
Uair no dha,
Bha sinn ann an cneacas tairis
Mar a b' a'isd.

Dh' inns' sinn mile ni dha 'cheile
Mar luchd gaoil an tus an eibhnis;
Ach O ! na briathraibh briagha 'dh' eisd mi
O 'n fhear mheanbhnach,
Co a chuireadh ach e fein
An ceill a sheanachas?

"Cha 'n 'eil e ceart,'' ors' eis', "a raite,
Gur a namhad mi 'shliochd Adhamh;
Cha 'n fhiach na h-abluich 'bhios dha m' chaineadh
Feairt thoirt orra;
Cha bheag air cuid dhiubh fein mo chairdeas
'N uair gheabh iad cothrom.

" Cha d' rinneadh riabh ni 'dholaidh dhomhsa
Le glagaduich gun bhri nam broinn ud;
Cha 'n 'eil na truaghain ach gu gorach
A leigeil fhaicinn,
Fuachd an cridheacha', 'slughad an eolais
Air daoine peacach.

" Na 'm b' aithne dhoibh an cor mu 'n t-saoghal,
'S mu shuidheachdh 'us cor chlann-daoine,
Chumadh iad an teangaibh faoine
Aig sith na 'ni beoil;
Ach 's toigh le cuid do shluadh bhi'glaodhaich
'S an chainnt' an gloir.

"Tha mo chairdean-sa gu lionmhor;
'S ged a bhiodh ac' uairean iarraidh
Air mo chur fo choire 's dioladh
Airson gach truaighe,
Cha 'n fhad 's am faic mi iad le fiamhachd
A rithisd mu 'n cuairt dhomh.

" Le cho ro mhath is a tha mi
Do'n a chridhe chiurte, chraiteach,
Theidear mar is tric ro dhan orm—
Ach co is coireach ?
Coma leinn dha sin an drasda—
Tha 'n saoghal foilleil.

" Bu choir a thuigsinn gur e deirceachd,
'Us anmhuinneachd chlann-daoine fein,
A thug na m' lamhan-sa 'n trom ghreim
A nis a th' agam—
Nach 'eil iad anns gach cas 'us feum
A leum air m' amhaich-s'?

" 'S an uair a bhios an cridhe 'sgaineadh
Le mulaid agus deuchnaibh saraicht',
Nach buidhe leis e fein a bhathadh,
Re cuairt na mionaid,
Ann an aon ni a bheir samhchair
Beag air bith dha?

" 'S a rith'sd 'nuair bhios an corp dha 'phianadh
Le tinn'us trioblaidean,'us fiabhrais;
An ioghnadh ged a bhiodh aig' iarruaidh
Air faothachadh cradhaidh;
Na 'm biodh aon ni fo 'n a ghrian
A bheireadh dha sin?

" Na 'n robh aig a chinne-dhaoine
Na dh' fheumadh iad gu leir's an t-saoghal,
Cha mhiannaicheadh iad dram na daorach;
Ach fhad 's nach d' thoirear
Ach beagan maith a moran saothair
Bidh claonadh orra.

"Gu de ni duine bochd na truaighe,
Le iarrtusean o 's cionn a bhuaidhean,
'An saoghal dorcha sios 'us suas
Am buaireadh daonnan,
Ach a thoirt a bog 'us cruaidh
A chuid mar dh' fhaodas?

" Nach iomadh ni tha deodhal 's a trathadh
Dearg fhuil-chridhe 'neach is fhearr dheth ?
Co aig nach 'eil sgeula craiteach
Air bith ri innseadh ?
O ! dhuine 's miosa d' staid na d' nadur
Na 'n tuigte 'n fhirinn.

"Ach bidh mise truasmhor, caoimhneil,
Ri clann daoin' a la 's a dh' oidhche;
Theid mi gu binn-ghlorach, loinneil,
Gun fhoill na' measg—
Dha 'misneachadh a ghnath's dha 'm faighneachd
Gach uair is mios'.

" Theid mi gu suilbhireach 's gu tlachdmhor
Gus gach posadh agus baisteadh;
'S gluaisidh mi cridheachan nan gaisgeach,
'S na' maighdeann bhoidheach,
Gu toil-inntinn agus taitneas
Fhad 's is beo iad.

" 'S far am bi am bas a taghal
Bidh mi le mo bhlaths' a cabhair;
'S buidhe le neach an gras is lugha
Ri am mulaid—
'S ann's tric a ni luchd tuiridh roghainn
Dhiom-s' thair uile.

" 'S gheabhair mi 'measg na 'n criosduibh. gasda
'Bhios mu orduighean a cleachdadh,
'S leughaidh mi dhoibl sailm na caibdeil,
'Us ni mi uirnigh,
Cho math ri minisdeir na sagart
A th' anns an duthaich.

" Bu tric a chuir mi eildear diadhaidh
'Dh' annsa 'n cuil leis fein gu stiallach,
'S a rinn mi am fear tosdach briathrach,
'S an liath-ghead sgairteil:
'S a chuir mi samhach am fear fiadhaich,
A b' fhiarta focal.

" 'S theid mi 'mach 's a stigh 'measg dhaoine
A dheanamh 'n cuairt' am beath' ni's aotroim' ;
'S mu thuiteas oirnn a dhol ro shaor
Air cach a cheile,
Ni sinn a chuid is fhearr dhe 'dh' fhaodas
An deigh eirigh."


Mac-tall' Eas-nan-Smuid da 'Chairdean—1895.
Air fonn—" Ged is farsan," &c.

Ciod i so 'naigheachd 'tha mi cluinntinn—
'S beag mo shurd mu 'deidhinn—
Mu shlachdraich ord 'us ghlagraich chuibhle
'Bhi 'tighinn dlu do m' eisdeachd—
'Us prabar grannda bhailtean graineil,
'Tighinn mar phlaigh a reubadh
Tir a bhainne, tir an arain,
'S tir na'n caileag gle-ghlan?

O! 'Sgeith mo ghleidhidh, cum-sa bhuam
Am buaireadh ud, 'us ranaich
Nach cluinn mi 'm feasda le mo chluais
An truaillidheachd ud dlu dhomh;
'S nach fhaic mi fhad 's a bhios mi beo
Na h-uibhear do ghloir mo dhuthcha
Dha iobairt suas do'n aon dubh Mholoch
'S lugha coir air umhlachd.

Cha b'e 'leithid a sheirm a chleachd mi,
'S cho, b'e a thaitneadh rium-sa,
Mar ghaire maidne o gach badan,
Cuairt, 'us glaic, 'us cuileag;
Ach ceol na'n eoin an uchd nan og-mhios
Feadh nan ro-chrann urail,
'Us cronail tiamhaidh 'n t-sheillein riabhaich
'Measg nan ciad lus flurach.

O ! c'ait' a' bheil spot eile 'n Alba
'S dreachmhoir' dealbh 'us fiamhaehd
Na Fothir chosach, bhruachach, bhoidheach,
Dhealtach, fheorach, thiorail;
An uair bhios clarsachd chraobh 'us phreas,
'Us chreag 'us eas 'us iosal,
Ri co-sheirm seisdeach 'measg a cheil'
A freagairt beus na h-Iar-ghaoith?

'Chill-Fhinn mo ghraidh tha cuimhn' air la
Bu bhinn a bha do nuallan,
'N uair bhiodh cruinneag 'seinn a luinneag
Fo mhart dhruim-fhionn, uaibhreach,
Mu d' chluaintean blathmhor, fallain, fasmhor,
Cuachach, caiseach, uachdrach,
'Chill-Fhinn mo ghaoil, Chill-Fhinn nam braon,
'Chill-Fhinn nan raon 'bha luachmhor.

O ! 'dhust nan ginealach a dh' fhalbh—
Mo laochraibh calma treunda—
Bu tric a chuala mi a sealg
Mu 'n cuairt le annaibh gleusda;
'S a g' iasgach bradan lannach, borb,
Air Linne-Ghorm 's a Cheitein—
Am bi 'ur talamh 'nis' fo chasan,
Aog'raich ghlas nam brein bhail'?

Nach mis a chitheadh aon uair a ris
Air ais mo thir mar bha i,
An uair bha sibh le 'r leannain fhinealt'
Feadh na' min-phreas bhlatha;
Mar bha ainnir nam pog meala
'N caoimhneas tairis Phadraig,
'Us iomadh dithis o sin—ach bhuam
Mo bhruadar uaibhreach, sgaileach.


An Fhiach Dhuinn a bhi Beo?

Mu 'n t' shaoghal 's tric a th' agam smuain,
'S bu mhiann leam tuigsinn mu ghach cuis
'An turus duine chum na h-uir,
'S c'a'rson a tha e 'n so air chuairt

An diomhanas a staid gu leir?
Nach d' fhuair e reusan agus cainnt ?
Nach 'eil ughdarras 'na 'laimh?
Ach ciod e do na Chruinne Che?

Cha 'n 'eil ach cuimhn' aig' air an de,
'S chan inns' an diugh dha mu 'n a ni
A bhios a' maireach ris a stri;
Eadhon na 'm faic e 'maireach fein.

O latha 'bhreith gu oidhche 'bhais
Cha 'n 'eil e ach bho lob gu lon,
Mar neach a chaill a cheum 's a cheo,
'S-'an cunnart a bhi caillte 'ghnath.

'S ged a thuiteadh dha air uair
Gum faigheadh e le tairms a cheum,
Cha 'n 'eil a chreideadh ann na 'cheill
Gun aithnich na gun lean e 'chruaidh.

Tha 'nadurrachd ga 'thoir gu taobh
Mar thig liathadh air a cheann,
Mar ruitheas struthan sios le gleann,
'S mar thuiteas duilleach dhe na chraobh.

'S a gabhail na h-uile ni mu 'n cuairt—
Bochduinn, trioblaidean, 'us pein—
An can sinn gur e duine fein
Is coire ri e bhi 'n staid cho truagh?

An d' fhuair e comas air a la
A ghrianachadh, na 'm be a mhiann ?
Na 'n d' rinn e fein le neoil a ghrian
A dhorchadh mar nach d' riaghladh dha?

Cha 'n urra' tur dhuinn sin a radh'—
'N uair chi sinn laigse mhor chlann-daoin'
An aghaidh dorainnean an t' shaoghail,
'S nach ann na 'n lamh 'tha breth na bas.

Thig duine so cha 'n ann de fein,
Ach mar a dh' fhasas meas air craobh,
'S mar a sheideas seachad gaoth,
'S mar thig am fluran air an fheur.

Cha teid fharraid dhe 'ne 'mhiann
A thighinn, na 'thighinn aig tiom seach tiom,
A thighinn, na 'thighinn air tir seach tir,
Gu ceum an t' shaoghail so a thriall;

Gun chriut gan eolas air a lamh,
'S e gun ghealladh aig' air ni
A mhaireas na a bheir dha sith—
Gus a sinear e 's a bhas.

An deigh sin, seall, is iomadh uair
A dh' fheuch e ri a rathad fein
A dheanamh direach agus reidh,
Gu 'cheum a bhi air talamh cruaidh.

Nach tric a luidh' 's a dh' eirich grein
Air dichioll siorruidh 'chinne-dhaoin'
A cumail cogaidh ris an t-shaoghal—
A' mulad, peacadh, agus pein?

Nach iomadh boinne 'dh' fhallus goirt
A dhoirt a poran dhaoine treun,
A latha 's a dh' oidhch' fo dhalladh dheuir,
Le cridheachaibh creuchdach, eigneach, bochd,

A cumail fodha naimhdean mor
A tha 's an rathad air taitneas dhaoin',
'S a tha a buaireadh air gach taobh
Gach neach a dheanadh feum na 'lo?

'S nach iomadh smuain le durachd cheart
A fhreumhaich ann an cridhe fior,
'S a chaidh an airde 'dh ionnsaidh 'n Triath,
Air nach d' thug an saoghal feairt?

'Us anail a dh' fhas anmhann gearr,
A feuchainn ris an t-shaoghal bhochd
A shaoradh 'bheag na' mhor o lochd,
Na 'dheanamh ni-eiginn ni's fhearr?

Ach ciod a bh' ann an run an Ti
'N uair thug e duine so an tos,
Gu trioblaid, mulad, agus bron,
Cha thuigear 'us cha lamhar inns.'

Tha 'bhas cho cinnteach ri a bhreth,
'S ged' dh' eireadh leis an saoghal 'na 'lar
Theid a chruthachaibh ri lar,
'S cha chuir ailleas uair ri 'bheath.'

Seall, dh' eirich rioghachdan mu 'n cuairt,
A bha cumhachdach 'us mor,
A chuir ri cheile cuid 'us coir,
Ach c'ait a bheil an diugh an uaill?

Dh' fhalbh iad mar an sneachda ban,
A nuair a thuiteas e 's an amhainn,
Na mar an deigh 'bhios ris na tighean
Ri gathan grein a' meadhon la.

'S cha' n 'eil ann diubh ach an t-ainm,
Ged theireadh neach nach d' thigeadh crioch
Air morachd, ailleachas, 'us fiach
Na bhuineadh dhoibh re laitha' 'n sealbh.'

Ach mar thig oidhche 'n deigh la,
'S mar chuireas geamhradh as do shamhradh,
Theid saoghal an deigh saoghal amhladh,
'S cha bhi ann diu' ach an sgail.'

Thig uairean 'na mo chridhe 'radh'
Nach fhiach do dhuine bochd bhi ann.
'S a luighad cruaidhchas agus teann,
A thuiteas tarsainn air a rath'd.

Cha luaithe gheabh e air a chruaidh,
'S obair bhochd a dhichioill slan,
Na 'theid a thilgeil sios ri lar,
Mar nach biodh ann da ach smuain—

Mar gun cuireadh e le focal
Nithibh rithisd mar a bha iad,
Mu 'n do chuir mi-fhortan saradh
Ann, 's a dh' fhagadh e am bochdainn.

Mar thig fuar-fhead ghoirt na Mart,
'S a bheir i 'm bith a freumh 'us flur,
'S a bheir i as an fheur a shugh,
Trioblaidean an t-shaoghail dha;

A cheann an aghaidh 'n t-smith gu brath;
Na 'n cumadh e 'na chuimhn' gach ni
A dh' fhag a larach air a chridh',
Cha sheasadh inntinn ris ach gearr.

Latha 'n uachdar 's deich an iochdar,
'N uair a thig air am a bhais
Cha ' neil as a dheigh ach sgail',
Agus roimhe—co 's urainn innseadh?


Am Feileadh Beag.
Air fonn—" Is toigh leam a Ghaidhealtachd."

A dh' aindeoin 's gach eideadh
'S e 'm feileadh mo mhiann-s';
Tha ni 'gin ro thlachdmhor
'Na 'phleatagan dion;
'S na 'm faighinn mo riarachadh
Dh' iarainn gu saor
E 'bhi 'comhdach nan Gaidheal
'S gach cearna dhe 'n t-saogh'l.

Sar sgeadachadh maiseach
Ar 'n athraichean graidh,
'S iomadh deuchainn troimh 'n deach' iad
'An caidreamh a bhlaiths;
Mu'n robh Alb' agus Sasunn
Ach lag agus og,
Gheibhte suaint' ann am breacain
Laoich ghaisgeanta, chrodh'.—

Fir churanta, shomalta,
Thogarrach, chruaidh,
Luchd labhairt na Gailig,
Deadh chanan nam buadh;
A sgriobh an curs' eachdraidh
'An sgairtealachd threun—
Cha teid di-chuimhn' gu brath
Air na dh' fhag iad a' 'n deigh.

'S fhad' an tos o'n a ghrian iad
Air sgiathaibh nan aois,
A biathadh an ceumnaibh
Mar an ceitein na raoin;
Mar bhristeadh na maidne
Feadh dhail agus ghleann,
A g' inns' ann an sanais
An latha 'bhi teann.

'S o sin—'s cha b' ann aon uair—
'An saoradh ar tir,
Co riamh a bu truim'
Air na chuireadh oirnn cis
Na na curaidhean cruaidh-lamhach,
Luath-cheumach geur,
Nach tilleadh o chunnart
'N uair chuirt' orra feum?

'S iomadh namhad a dh' aithhich
Tighinn tarsuinn air laoich
Tir arda nan gleannaibh,
Nam beannaibh 's an fhraoich;
'N uair a dh' inntrigeadh orra-sa
Corraich 'us gruaim,
Cha b'e cleachdadh nam fleasgach
A bhi 'dh' easbhuidh na buaidh.—

'N uair a lasadh an t-sradag
Ri fearaibh mo luaidh—
Gaol duthcha na 'n cridh'
'Us seisd pioba na 'n cluais—
Cha b'e cluitheag dhibhearsain
A thaitneadh ri run
Sar fhiurain an tartain,
Fir bhras nan glun ruisgt'

Far 'm bu truime na buillean,
'S far 'm bu ghuiniche 'n t-shreup,
Gheibhte garbh-mhic a mhonaidh—
'S co b' fhuileachdaich beum ?
'An aghaidh a chruadail
'An guaillaibh a cheil';
'S cha bu tric a chaidh 'n tilleadh
Gun mhilleadh a'n deigh.

'S iomadh buaidh a tha fuaighte
Nach buannaich mi inns',
Ri suaicheantas aluinn
Nan Gaidheal's 'an tir;
'S ged a thainig droch am air
'Us teanntachd air uair,
Cha deach as da 's cha teid
Fhad 's a bheuceas an cuan

A direadh nan tulaich
'S na' mullaichean geur,
A siubhal an fhirich ,
'S a sireadh an fheidh;
'An cuideachd na'n coinneamh
Ciod is loinneil' 's is boidhch'
Na 'm feileadh 's an sporan,
An t-osan 's a bhrog?


Oran.
Air fonn—" Ged 'tha mi gun chrodh," &c.

Ged 'tha mi gun chuideachd agam,
Gun luchd-gaoil ri m' thaobh, gun charaid;
Ged 'tha mi gun chuideachd agam,
Chunna' mise 'n latha bha,

C' aite dhomh-sa 'a diugh na fiurain
Bu tric a chaidrich air an gluin mi,
'S a rinn cagar-cheol 'us sugradh
Ann sa chuil so rium 'na m' phaisd'?—

Na fir mhora, chumair', threunda,
'Reachadh astarach ri sleibhtean,
'S a thug tric a chuairteachd spreidh'
Ri maduinn Cheitein mi air lamh?

'S c' ait' am beil na fleasgaich oga
A bha miosail orm 'na 'm oighe,
Mu 'n do shearg an ruiteag bhoidheach
A ghabh coir air fear na dha?—

Mu'n do liath na ciabhan cuachach,
Air 'm bu mhiann leam fhin bhi 'smuainteachd
Mar or-chearcaill gaoil mu'n cuairt
Do chridheachaibh uaibhreach fir mo ghraidh?

'S ochan! c' ait' am beil an leannan
Do 'n d' thug mi an trom chion-falaich ?
Cha chuir bliadhnachan a' m' aire
Mo mhor ghealladh dha thair chach.

Theicheadh grian 'us cuan 'us talamh
Mas a deanain-s' esa 'mhealladh;
Cha b' ann bhuaithe a bha m' aire;
B'e mo ghloir bhi fagus dha.

'S a nise b' fhearr leam gun 'bhi 'smaointeachd
Air an tiom a dh' fhalbh na 'ni faoduinn;
Ach 's buidhe leis an aois bhi 'g aomadh
Sios air caochlaidhean na bha.

Cia 'rson is docha leinn 'bhi 'bruadal
Air ar n' oig' ged 'bhiodh i cruaidh oirnn,
Na air sgeithibh dochais uallach
Eirigh suas an duil ri fearr?


Tighinn an t-Shamhraidh—Earann.
Air seann fhonn.

Thainig caoin ghuth an t-Shamhraidh
A dhusgadh ghleann as an suain,
'S dh' fhosgail Phoebus le or-shlat
Ionmhais ghlormhor nam bruach;
Tha an og-shobhrach chubhraidh,
'S an duilleach dhu'-ghorm, 's am feur,.
A stri co 's aluinn' 's is lionneil'
A theid an coinneamh na grein.

Mar gu 'n driuchdadh air thalamh
Maoth dhealt neamhaidh a mhan,
Bruchdaidh fonn agus fearann
Le oran aighear 'us failt',
A deanamh aoidh ris a Cheitein,
Air cathair pheurlainn tighinn dlu,
Fo thrusgan geala-mhaiseach, oirdhearc,
Air dhath nan ros 'us nam flur.

Theich garbh fhuachd a Gheamhraidh
Roimh chaoin na Bealltuinn air falbh
Sgaoil gach gruaim agus greann-ghnuis
Na 'n deann-ruith, 'us shearg;
Mar cheo liathanach maidne
Roimh ghathan geala na grein,
'N am taomadh beath' agus gairdeas
Air fireach, fas-ghleann 'us gheug.

Tha 'm beatha bruchdadh 's na lagain,
'S gur urail, cnagant' e 'fas,
Gu dosrach, barra-gheugach, cuachach,
Bagant', cluas-dhuilleach, lan;
Air thus le binn-sgeul an aoibhneis—
An Samhradh caoimhneil 'bhi 'n lamh—
'S a sanais ciuin ris a choille
'Thighinn 'an coinneamh na Maigh.

'Us calltainn caol-shiatach, meurach,
A toir na sgeula le aoidh,
Feadh nan cos-chnocan feurach,
'Us feadh nan reidh-ghlaiceag maoth;
Am fearna cnotach dha 'sgaoileadh
A' measg chaochain 'us loin;
'S na pris bheaga 'cur orra
An culaidh shonais 'us ghloir.

'S cluinn an smeorach a gleusadh
A feadan teud-mhilis ciuin,
A ghabhail oran binn, seisdeach,
'An guth is eibhniche surd;
Agus cuach air a gheugan
A caoin bheusadh a chiuil,
A chur failt' air a mhaduinn
Anns a bhadan mhin, chubhr'.

'S an dreathan-donn 'us an smudan
Fo sgeith nan ur-phreas ri srann,
Le binn ghuth tiamhaidh a comhnadh
Ri coisir bhoidheach nan gleann;
Gach eun anns a chro-choill
A cur a choir ris an t-sheisd,
'S a seinn tighinn an t-Shamhraidh
Feadh nan crann-dhailean reidh.

'S faic crodh slinneanach, cluasach,
Sliosach, guaill-fhionn air raon,
A rithisd a siubhal nan glaiceag
Gu h-astarach saor;
'S na laoigh bheaga 's a gheumnaich,
Ri cluaineis eibhneach dhoibh fein,
Air na foicheagan comhnard
Is pailte lon anns a Cheit.

B' e sid am na mor ghairdeas—
'S ann leam a b' aluinn a bhi
Le mo leannan gu cairdeach,
Feadh nam blath-dhoire min;
'N uair bhiodh an Samhradh a dusgadh.
Ann an ur-ghleannain reidh,
'S a cur 'an gorm-chulaidh sgiamhach,
Gach lusan, fiar, agus geug.

A CHRIOCH.


PRINTED AT THE " NORTHERN CHRONICLE " OFFICE,
INVERNESS.